Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Stiùireadh Ionmhasail

Tha Earrann 31 (1) den Achd Ath-leasachaidh Sheirbheisean Poblach (Alba) 2010 ag iarraidh air buidhnean poblach, cho luath 's a tha reusanta an dèidh deireadh na bliadhna ionmhasail, aithris fhoillseachadh mu chaiteachas sam bith a tha iad air a thoirt orra fhèin sa bhliadhna ionmhasail sin, a thaobh nan cùisean a leanas:

  1. Dàimhean Poblach
  2. Siubhal Thall-thairis
  3. Aoigheachd is Fèisteas
  4. Co-chomhairleachadh bhon taobh A-muigh

Ann an oidhirp air a bhith cho follaiseach 's a ghabhas, tha Coimisean na Croitearachd air a ghabhail os làimh caiteachas an taobh a-staigh nan cuspairean sin fhoillseachadh agus ùrachadh air bunait chunbhalach, le mion-fhiosrachadh ri fhaotainn iarach.

Gheibhear Cunntasan Bliadhnail Coimisean na Croitearachd anns an Aithisg Bhliadhnail.

Bhon Iuchar 2018, bidh Coimisean na Croitearachd a’ foillseachadh dàta malairt air cosg de £500 agus còrr air a’ Chairt Cheannach eileagtronaigeach aca gach mìos (ais-sheallach), ann an co-rèir ri gealltanas Riaghaltas na h-Alba sin a dhèanamh. Gheibhear mion-fhiosrachadh mun chosg seo gu h-ìosal.

 

The Framework document which been drawn up by the Scottish Government (SG) in consultation with the Crofting Commission, sets out the broad framework within which the Crofting Commission will operate and defines key roles and responsibilities which underpin the relationship between the Crofting Commission and the SG. A copy of the Framework document can be found at www.crofting.scotland.gov.uk/the-act-and-policy

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.