Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

 

 

 

Pròiseas Tagraidh Riaghlaidh

Bidh an raon-ama airson do thagradh riaghlaidh a ghiullachd a rèir nam paraimeadairean do am buin e.  Cuideachd, mura h-eil a’ chroit clàraichte le Clàran na h-Alba (RoS), faodaidh e ùine gu math mòr a chur ris a’ phròiseas tagraidh.

Ciamar a thèid co-dhùnadh a dhèanamh air an tagradh agam?

Tha sinn ag obrachadh modail de Cho-dhùnaidhean Tiomnaichte, le oifigearan comasach air cùisean furasta aontachadh a tha a’ coileanadh nan riatanasan reachdail, poileasaidh agus paramaidearan uile. Tha paraimeadairean stèidhichte leis a’ Choimisean airson gach fuincsean riaghlaidh gus am faodar beachdachadh orra fon phròiseas co-dhùnaidh thiomnaichte.
 

Nuair a tha thu air na paraimeadeairean don t-seòrsa tagradh agad a chomharrachadh, bheir e dhut beachd air dè cho fada ’s a bheir am pròiseas.

TierParameters
Tier 1

Ìre 1 – Is e cùisean furasta a th’ annta seo a tha a’ coileanadh nam paraimeadairean riatanach uile airson an fhuincsein riaghlaidh sin agus a’ ceadachadh a bhith air aontachadh leis an Oifigear Obair-cùise.  

Tier 2

Ìre 2 – Is e cùisean a tha seo a tha beagan taobh a-muigh nam paraimeadairean air an stèidheachadh ann an cùisean Ìre 1 agus a tha air am beachdachadh le Àrd-Oifigear Obair-cùise. Faodaidh tagraidhean a bhith air an aontachadh, air am mion-atharrachadh no air an cùmhnantachadh aig Ìre 2.

Tier 3

Ìre 3 – Is e cùisean a tha seo air nach urrainn do dh’Àrd-Oifigearan Obair-cùise aig Ìre 2 co-dhùnadh a dhèanamh, gu h-àbhaisteach seach gu bheil e fada taobh a-muigh pharaimeadairean agus/no gu bheil gearanan air a bhith ann. Tha cùisean Ìre 3 air am beachdachadh le buidheann obair-cùise de 3 Coimiseanairean. Chan urrainn ach Ìre 3 tagradh a dhiùltadh.


Sgrùdaidhean Èifeachd Tagraidh
  • Tha am fiosrachadh uile san fhoirm tagraidh agus na mapaichean air an sgrùdadh – dh’fhaodadh gum bi conaltradh ann aig an ìre seo gus puingean sònraichte a shoilleireachadh
  • Aon uair ’s gu bheil na sgrùdaidhean dèante, tha fios ga chur a-mach gu bheil an tagradh èifeachdach.
  • 2-6 seachdainean a rèir a bheil tuilleadh fiosrachaidh a dhìth agus cho luath ’s a gheibhear e.

Sanasachadh
  • Feumaidh a’ mhòr-chuid de thagraidhean a bhith air an sanasachadh air a leantainn le ùine co-chomhairleachaidh phoblach de 28 latha gus beachdan a cheadachadh, agus cha bhi càil a’ tachairt leis an tagradh aig an àm seo.
  • 4-8 seachdainean a rèir dè cho luath ’s a chuireas an tagraiche an sanas a-mach.

 


Sgrùdaidhean Paraimeadair
  • Tha seat de pharaimeadairean aig gach seòrsa tagradh air am mìneachadh leis a’ Choimisean.
  • Ma tha tagradh taobh a-staigh nam paraimeadairean uile, faodaidh e gluasad gu ìre co-dhùnaidh Ìre 1
  • NÒTA – Chan urrainn don chùis gluasad gu ìre co-dhùnaidh gu às dèidh a’ chroit a chlàradh

Aonta Ìre 1
  • Tha Oifigear Obair-cùise a’ beachdachadh agus comasach air a’ chùis aontachadh
  • Tha litir co-dhùnaidh a’ dol a-mach

An ùine iomlan do chùis mura h-eil duilgheadasan sònraichte sam bith ann agus gu bheil a’ chroit clàraichte mar-thà, mus ruigear an ìre co-dhùnaidh = 12 -16 seachdainean.

Dh’ fhaodadh gum bi seo a’ dèiligeadh ri aon no barrachd de na pròiseasan a leanas a thuilleadh air suidheachadh cùis neo-thoinnte.


Gearanan
  • Ma gheibhear gearan tron ùine co-chomhairleachaidh phoblach de 28 latha, bidh seo a’  ciallachadh sa bhad nach urrainn co-dhùnadh a dhèanamh aig Ìre 1
  • Thathar a’ beachdachadh air gearanan gus a dhèanamh cinnteach gu bheil iad dligheach (i.e. air an cur a-steach le cuideigin aig a bheil còir air sin a dhèanamh agus taobh a-staigh na h-ùine de 28 latha), feumaidh iad an uair sin am frithealadh air an tagraiche agus a dhol timcheall ann an cuairt mar a chithear san diagram gu h-ìosal.


Aithisg SGRPID
  • Dh’fhaodadh gum bi e riatanach, a rèir a’ mhion-fhiosrachaidh agus an t-seòrsa tagraidh, iarraidh air SGRPID aithisg a sgrìobhadh às ar leth mu thaobh àiteachais an tagraidh.
  • Tha diofar fheartan ann a dh’fhaodas buaidh a thoirt air dè cho luath ’s a thèid an aithisg seo a sgrìobhadh, leithid suidheachadh na croite, an t-àm den bhliadhna agus dleastanasan eile SGRPID.

  • Gu h-àbhaisteach, bidh sinn a’ ceadachadh 6 seachdainean aig a’ char as lugha, ach airson tagraidhean roinnidh bidh sinn ag iarraidh 12 seachdain.


Co-dhùnadh Ìre 2
  • Faodaidh Ìre 2 co-dhùnadh: an tagradh aontachadh, a luathachadh gu Ìre 3 no tuilleadh fiosrachaidh iarraidh.
  • Ma dh’iarrar tuilleadh fiosrachaidh air an tagraiche, gheibh iad 3 seachdainean airson a thoirt dhuinn (agus ath-chuimhneachan ma dh’fheumar). Dh’fhaodadh gum bi aithisg SGRPID a bharrachd ga iarraidh aig an ìre seo. 

  • Ma thèid a’ chùis a luathachadh gu Ìre 3, tha am fiosrachadh air a chur còmhla do phàipear cùise gus co-dhùnadh a’ Choimisein fhiosrachadh.


Ùine iomlan don chùis mura h-eil ceistean clàraidh ann = 16-44 seachdain


Co-dhùnadh Ìre 3
  • Aig Ìre 3 tha buidheann obair-cùise de 3 Coimiseanairean a bhios a’ coinneachadh gach 4-6 seachdainean agus chan urrainn ach do Ìre 3 an tagradh a dhiùltadh.
  • Dh’fhaodadh gun iarr iad barrachd fiosrachaidh mus tig iad gu co-dhùnadh, agus san t-suidheachadh sin dh’fhaodadh sinn a dhol air ais timcheall an diagram cuairte gu h-ìosal mus tilleadh e airson beachdachadh aig an ath choinneamh buidhne air obair-cùise. Cuideachd, dh’fhaodadh barrachd fiosrachaidh iarraidh bho SGRPID aig an ìre seo.

  • Gu h-iomlan, dh’fhaodadh an ìre seo eadar 6 agus 27 seachdain a chur ris a’ phròiseas iomlan. 


Ùine iomlan don chùis mura h-eil ceistean clàraidh ann = 22-71 seachdain

Timescale Cycle

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.