Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Cùram Luchd-ceannach - Ìrean Seirbheis

Tha sinn a' creidsinn gum bu chòir do ar luchd-ceannach na h-ìrean seirbheis as àirde fhaotainn ann an dòigh a tha èifeachdach, fosgarra agus cunntachail. Tha an duilleag seo a' mìneachadh nan ìrean seirbheis a dh'fhaodas sibh a dhùileachadh bhuainn. 

Gus a dhèanamh cinnteach gu bheil sinn a' solarachadh na seirbheis ris a bheil sibh an dùil, tha sinn a' cur fàilte air ais-fhiosrachadh - math agus dona! Faodaidh sibh ar cuideachadh a' leasachadh na seirbheis againn no innse dhuinn dè tha sinn a' dèanamh math le bhith a' lìonadh agus a' tilleadh an fhoirm Gearanan/Beachdan seo. Cuirear beachdan sam bith air adhart chun an Àrd-Oifigeir againn.

Luchd-tadhail air an Oifis againn

Tha na h-oifisean againn fosgailte bho 8.30m gu 5f Diluain gu Diardaoin agus 8.30m gu 4.30f air Dihaoine. Feumaidh agallamhan le luchd-obrach an cur air dòigh ron àm. Bu chòir do dhaoine a tha ag iarraidh agallamh fònadh a-steach no post-d, co-dhiù seachdain slàn ron àm agus innse dhuinn dè tha iad airson a dheasbad. Ceadaichidh seo cùisean a chur air dòigh agus an cuspair a rannsachadh ceart. Ma thadhaileas sibh aig àm a chaidh aontachadh, chithear sibh aig an àm sin no an taobh a-staigh 10 mionaidean.

Tha sinn ag amas air:

  1. ceistean fòn a fhreagairt sa bhad. Mura h-urrainn dhuinn dèiligeadh leis a' cheist agaibh aig an toiseach, cuirear sibh air adhart gu cuideigin as urrainn. No gabhaidh sinn ur fiosrachadh bratha agus nì sinn cinnteach gum faigh sibh fios an latha sin no an ath latha obrach. 
  2. litrichean uile a fhreagairt an taobh a-staigh 20 latha obrach bho fhuaireadh iad. Mura h-urrainn dhuinn làn fhreagairt a sholarachadh san àm sin, sgrìobhaidh sinn thugaibh a dh'innse carson a bhios dàil ann agus cuin a dh'fhaodas sibh a bhith a' dùileachadh làn fhreagairt. 

Thoiribh an aire nach gabh sinn ri litrichean air nach eil postachd slàn. Cuirear iad dìreach air ais thugaibh sa Phost Rìoghail.

Tha sinn ag amas air dèiligeadh le ceistean bho na meadhanan cho luath 's a ghabhas agus freagairt a chur air dòigh an taobh a-staigh 2 uair a thìde. Mura gabh seo a dhèanamh, thèid innse dhuibh aig an àm.

Bidh sinn a' foillseachadh ar coileanaidh san Aithisg Bhliadhnail againn a gheibh sibh saor an-asgaidh bho na h-oifisean againn no faodaidh sibh a luchdachadh sìos bhon duilleig foirmean is bileagan againn.

Tha sinn ag amas air:

  1. ur solarachadh le foirm fhreagarrach agus ma dh'iarrar, deasbad san fharsaingeachd air nàdar ur molaidhean
  2. gabhail ris an tagradh agaibh fhaotainn an taobh a-staigh 5 làithean obrach.

Tha sinn a' leantainn poileasaidh an Riaghaltais air coileanadh pàighidh agus ag amas air cunntasan uile, nach eil ann an connspaid, a phàigheadh an taobh a-staigh 10 latha (no àm a chaidh aontachadh). 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.