The Commission will be closed on Friday 4th and Monday 7th July

The Crofting Commission regulates
and promotes the interests of crofting in Scotland
to secure the future of crofting.

Crofting Commission Gaelic Language Plan

Overview / Easy Read

Identity

The Commission aims to ensure Gaelic is an essential part of our corporate identity. 

What the Crofting Commission will do:

  • Use bilingual logos, signage, and email signatures as standard 
  • Demonstrate equal respect for English and Gaelic in any future rebranding.

Staffing

The Commission recognises that increasing the number of Gaelic speakers is essential and aims to create a supportive environment for learning within the organisation.  

What the Crofting Commission will do:

  • Include Gaelic learning as part of the induction process for new staff and Commissioners 
  • Appoint at least one Commissioner to our board who is fluent in Gaelic
  • Offer every new staff member the opportunity to learn Gaelic  
  • Provide Gaelic language classes for staff, free of charge 
  • Deliver Gaelic Awareness sessions across the organisation to support staff in learning about the language, culture, and its links to crofting  
  • Encourage staff to use Gaelic learning tools like Speak Gaelic and Duolingo  
  • Promote opportunities for staff to develop their language skills and use them in the workplace
  • Continue to promote career opportunities for Gaelic speakers.

Communications

The Commission aims to increase the practical use of Gaelic in daily interactions, making it a normal part of communicating with us.  

What the Crofting Commission will do:

  • Encourage daily interactions using Gaelic between staff and with customers  
  • Welcome communication from the public in Gaelic, including written correspondence, and respond in Gaelic 
  • Support any request from our service users to speak with them in Gaelic wherever we can
  • Identify staff who are Gaelic speakers and can speak with our customers
  • Use a pre-recorded Gaelic welcome message on the main phone line and customer service line
  • Begin public meetings with a welcome in Gaelic and promote these meetings in Gaelic in Gaelic-speaking areas.

Publications

The Commission will actively promote Gaelic, recognising its importance to Scotland's heritage and its link to crofting.  

What the Crofting Commission will do:

  • Include a Gaelic foreword or introduction in major publications like the Annual Report 
  • Continue to use Gaelic actively on social media platforms, at events and on the website, aiming to increase its presence
  • Make a Gaelic spokesperson available for media interviews whenever possible 
  • Promote the unique crofting voice in Gaelic through media and by creating new Gaelic content, including videos 
  • Ensure correct Gaelic place names are used in communications and maps.

Tar-shealladh / Tionndadh Sìmplidh

Dearbh-aithne

Tha an Coimisean ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig na pàirt riatanach de ar dearbh-aithne chorporra.

Na bhios Coimisean na Croitearachd a’ dèanamh:

  • Cleachdadh shuaicheantasan, soidhneachd, agus ainmean-sgrìobhte phuist-d dà-chànanach, gu h-àbhaisteach.
  • Taisbeanadh spèis co-ionann do Ghàidhlig agus Beurla ann an ath-bhranndadh san àm ri teachd.

Sgioba-obrach

Tha an Coimisean a’ tuigsinn gu bheil e riatanach an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh, agus ag amas air àrainneachd thaiceil a chruthachdh airson ionnsachadh taobh a-staigh a’ bhuidhinn.  

Na bhios Coimisean na Croitearachd a’ dèanamh:

  • Gabhail a-steach ionnsachadh Gàidhlig mar phàirt den phròiseas inntrigidh do luchd-obrach agus Coimiseanairean ùra.
  • Fastadh co-dhiù aon Choimiseanair a tha fileanta sa Ghàidhlig chun a’ bhùird againn.
  • Tabhann cothrom air Gàidhlig ionnsachadh do gach neach-obrach ùr.
  • Solarachadh chlasaichean Gàidhlig do luchd-obrach, an-asgaidh.
  • Lìbhrigeadh sheiseanan mothachaidh don Ghàidhlig tarsainn a’ bhuidhinn gus taic a chur ri luchd-obrach ann an ionnsachadh mun chànan, mun chultar agus a ceangal ri croitearachd.
  • Brosnachadh luchd-obrach gu innealan ionnsachaidh Gàidhlig a chleachdadh leithid Speak Gaelic agus Duolingo.  
  • Adhartachadh chothroman do luchd-obrach air an sgilean cànain a leasachadh agus an cleachdadh san àite-obrach.
  • Leantainn ag adhartachadh chothroman dreuchdail do luchd-labhairt na Gàidhlig.  

Conaltraidhean

Tha an Coimisean ag amas air cleachdadh dèanadach air Gàidhlig a mheudachadh ann an eadar-chonaltraidhean làitheil, ga dhèanamh mar phàirt nàdarra de chonaltradh leinn.

Na bhios Coimisean na Croitearachd a’ dèanamh:

  • Brosnachadh chonaltraidhean làitheil a’ cleachdadh Gàidhlig eadar luchd-obrach agus le an luchd-dèiligidh.   
  • Cur fàilte air conaltradh bhon phoball ann an Gàidhlig, a’ gabhail a-steach conaltradh sgrìobhte agus freagairt ann an Gàidhlig.
  • Cur taic ri iarrtas sam bith bho ar luchd-cleachdaidh seirbheis a thaobh labhairt riutha ann an Gàidhlig nuair a ghabhas sin dèanamh.
  • Luchd-obrach a chomharrachadh aig a bheil Gàidhlig agus as urrainn labhairt ri ar luchd-dèiligidh.  
  • Teachdaireachd fàilte clàraichte ro-làimh ann an Gàidhlig a chleachdadh air a’ phrìomh loidhne-fòn agus air loidhne seirbheis chustamairean.  
  • Coinneamhan poblach a thòiseachadh le fàilte ann an Gàidhlig agus na coinneamhan sin adhartachadh ann an Gàidhlig ann an sgìrean Gàidhlig.

Foillseachaidhean

Bidh an Coimisean gu gnìomhach ag adhartachadh Gàidhlig, a’ tuigsinn a cudromachd a thaobh dualchas na h-Alba agus a ceangal ri croitearachd.  

Na bhios Coimisean na Croitearachd a’ dèanamh:

  • Gabhail a-steach facal-toisich no ro-ràdh Gàidhlig ann am prìomh fhoillseachaidhean leithid an Aithisg Bhliadhnail.
  • Leantainn a’ cleachdadh Gàidhlig gu gnìomhach air àrd-ùrlaran mheadhanan sòisealta, aig tachartasan agus air an làraich-lìn, ag amas air a làthaireachd a mheudachadh.
  • Cur neach-labhairt Gàidhlig air adhart airson agallamhan mheadhanan nuair a ghabhas sin dèanamh.
  • Adhartachadh guth air leth na croitearachd ann an Gàidhlig tro na meadhanan agus le bhith a’ cruthachadh susbaint Ghàidhlig ùr, a’ gabhail a-steach bhidiothan.  
  • Dèanamh cinnteach gu bheil àinmean-àite Gàidhlig ceart gan cleachdadh ann an conaltraidhean agus mapaichean.
© Crofting Commission 2025Site MapSite by Plexus.