skip to navigation
skip to page content
English

Croitearachd

Is e siostam de ghabhaltas fearainn a tha àraid do dh'Alba a th' ann an croitearachd, agus tha e na phàirt iomlan de bheatha na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Faodaidh croitearachd beaiteas de bhuannachdan a thoirt gu croitearan agus don choimhearsnachd croitearachd air a' Ghàidhealtrachd agus sna h-Eileanan agus gu pàirtean ainmichte eile ann an Alba. 

Is e pìos fearainn àiteachail car beag a th' ann an croit a tha gu h-àbhaisteach air a chumail ann am màl-shealbhadh agus air am faod no nach fhaod togalaichean a bhith no taigh co-cheangailte ris. Tha croitean a' rangachadh ann am meud bho leth heactair (ha) gu còrr air 50 ha ach tha croit àbhaisteach timcheall air 5ha. Tha dleastanasan reachdail aig croitearan ris am feum iad gabhail, agus is iad sin:

  • dleastanas a bhith a' còmhnaidh air no an taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit aca
  • dleastanas gun dìmeas a dhèanamh air a' chroit 
  • dleastanas a thaobh a' chroit aca àiteach agus a chumail suas no a chur gu adhbhar gnothaicheil sam bith eile.

Tha Coimisean na Croitearachd ri làimh airson taic agus comhairle a thoirt do chroitearan a thaobh nan diofar roghainnean a th' ann dhaibh ann an gèilleadh do an dleastanasan. 

 

 

Tha 20,867 croit ann le 14,969 croitear fa leth a' dèanamh suas teaghlaichean croitearachd, le sluagh iomlan de mu 33,000.  Tha an croitear na neach-gabhail no na neach-seilbhe air a' chroit. Mar as trice, bidh an croitear a’ cumail na croite air na “cumhachan reachdail”, a tha a’ buntainn ris gach gabhaltas croite, agus cha bhi cùmhnant-màil sgrìobhte aige. Tha cuid de dh’fhearann croite a-nis ann an sealbh seach gu bheil an fheadhainn a     b’ àbhaist a bhith nan luchd-gabhail, air am fearann a cheannach. Chan eil smachd sam bith a thaobh atharrachaidhean ann an sealbh fearann croite, ged a tha riatanas reachdail ann fios a thoirt don Choimisean, ach tha gach atharrachadh ann an gabhaltas croite air a riaghladh leis a' Choimisean.

Thathar a’ cleachdadh a’ bhriathair ‘sònrachadh’ ann an croitearachd gus mìneachadh a dhèanamh air gluasad maireannach gabhaltais bho aon neach gu neach eile. Ann am bliadhna àbhaisteach tha 200 gu 300 gabhaltas croite air an sònrachadh. Ann an còrr is leth dhiubh sin, tha an croitear làithreach a’ toirt seachad na croite do bhall den teaghlach aige fhèin agus tha a’ mhòr-chuid de na gabhaltasan eile air an toirt seachad do dhaoine a dh’aithnicheas an croitear mar-thà. Tha fios againn gu bheil iarrtas mòr ann airson croitean, agus mar sin tha sinn a’ tuigsinn gum faod dìth fearainn daoine a dhì-mhisneachadh.

Ach, tha e fìor gu bheil grunn chroitean a’ tighinn air a’ mhargaid fhosgailte gach bliadhna. Faodaidh croitear sam bith le ùidh coimhead ann am pàipearan-naidheachd ionadail airson gabhaltasan no fios a chur gu luchd-lagha is àidseantan oighreachd gus an ùidh a chlàradh sa chùis. Tha cuid air croit a lorg le bhith a' chur sanas 'iarraidh' sa phàipear-naidheachd bhuntainneach ionadail.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF) a' cur ri chèile liosta den fheadhainn aig a bheil ùidh ann an croit fhaotainn agus solaraichidh iad fiosrachadh a thaobh croit a lorg agus na croitean a tha rim faotainn. Nam bu mhath leibh a bhith san iomairt seo, cuiribh fios gu hq@crofting.org no Fòn: 01599 530005. 

Chan eil an seo ach toiseach a' phròiseis. Tha faotainn gabhaltas croite co-dhiù cho doirbh ri bhith a' ceannach taigh sònraichte air a' mhargaidh reic. Tha riatanasan laghail àraid ann cuideachd. Chan eil sealbh aig a' Choimisean air croitean, agus chan urrainn dhaibh neach sam bith a tha a' sireadh croite a riochdachadh.

UPDATE: CORONAVIRUS

The Commission is now accepting new applications, but as all staff continue to work from home and the office remains closed, these will be processed more slowly than usual. Any applications that relate to statutory deadlines, or which concern a Crofting Register form to notify the Commission that an event has taken place, will be given priority over other applications.

Where applications require a site visit, it will not be possible for any site visit to be carried out until the government eases the current restrictions on movement.Where any application involves a hearing, no hearings will take place until the current restrictions on movement are eased and the government has advised that public meetings (with appropriate physical distancing) can take place.

Approved Applications:

If you are a crofter who has had an application approved by the Commission within the last 3 months
Please read this important information regarding effecting Commission regulatory decisions.

You can continue to contact us by email info@crofting.gov.scot and although we are now in a position to deal with phone calls to our reception line, few staff have access to work phones to make return calls and therefore the service will be limited. We would therefore ask that you continue to contact us via email. You can of course continue to use the mobile numbers on the Contact Us page of this website to speak with us.

The Commission understands that this is a difficult time for all concerned, but we wish to reassure crofters and their agents that we will continue to work to restore normal levels of service. It is unlikely that this can be fully restored until the government permits offices to reopen and for various restrictions on movements and meetings to be eased.
20 May 2020.

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

© Crofting Commission 2020Site MapSite by Plexus.