Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Roinneadh

Is e roinneadh a chleachdar nuair a tha cuideigin le earrann ann an ionaltradh coitcheann ag iarraidh pàirt den ionaltradh choitcheann a ghabhail airson am feum fhèin a-mhàin. 

Ma tha sibh an dùil am fearann a chleachdadh airson leasachaidh togail a dh'fheumas cead planaidh, feumaidh sibh lethbhreac den chead planaidh agaibh a chur thugainn, no co-dhiù ur n-àireamh-bratha, còmhla ris an tagradh agaibh. 

Thoir an aire: dh’ath-sgrùd sinn ar modhan-obrach airson tagradh roinnidh fa leth ann am fearann ionaltraidh sa Chèitean 2017.

 Ma tha thu an dùil fearann ionaltraidh a chleachdadh airson adhbhar eile seach àiteach (me, airson pròiseact lùtha ath-nuadhachail), feumaidh a’ Chomataidh Ionaltraidh tagradh a dhèanamh fo earrann 50B de Achd nan Croitearan (Alba) 1993. 

Mar an ceudna, ma bhios tu den bheachd am fearainn ionaltraidh a chleachdadh mar fhearann coillteach/coilltearachd, feumaidh a’ Chomataidh Ionaltraidh tagradh a dhèanamh fo earrann 50 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Ach, ma tha am fearann coillteach/coilltearachd gu bhith airson d’ fheum fhèin a-mhàin mar chroitear, faodaidh tu tagradh roinnidh fa leth a dhèanamh fhathast airson an adhbhair seo.

Delegated Decision Making Parameters

Apportionment (Section 52(4)) of the Crofters (Scotland) Act 1993

 

Gabhaidh aonta dìreach a dhèanamh - ma tha adhbhar an roinnidh airson: 

  • làimhseachadh stuic agus gu bheil stoc aig an tagraiche gu làithreach.  
  • togalach tuathanachail (làithreach no san amharc).  
  • làrach taigh-còmhnaidh a th’ ann no a tha san amharc, a tha nas lugha na 0.2 heactair.
  • cur chraobhan / cleachdadh mar fhearann coillteach airson feumalachdan a’ chroiteir a-mhàin.
  • gu bheil no gum bi an tagraiche gu h-àbhaisteach a’ còmhnaidh taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit.
  • nach eil fiosan àicheil sam bith bhon uachdaran no bho neach-seilbhe an fhearainn ionaltraidh.
  • nach eil fiosan àicheil sam bith bhon chomataidh ionaltraidh.
  •  nach eil fiosan àicheil sam bith bhon luchd-earrannan.
  •  nach eil draghan sam bith an làthair a thaobh ruigsinneachd air a’ chòrr den fhearann ionaltraidh no fearann croite eile.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh ur foirm Tagradh Clàraidh a-steach gu Clàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

© Crofting Commission 2021Site MapSite by Plexus.