Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

FAQan

Tha luchd-obrach Coimisean na Croitearachd ri làimh airson cuideachadh. Fònaibh gu 01463 663404.
Bidh 3 ìosan agaibh airson an fhoirm Cunntas Croitearachd a lìonadh agus a thilleadh, leis na foirmean uile rin tilleadh gun Choimisean ro 16 Faoilleachd 2015.
Bidh an cunntas Croitearachd air a chur a-mach gach bliadhna.
A' leantainn air buileachadh an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010, tha dleastanas air Coimisean na Croitearachd Cunntas Croitearachd a sgaoileadh, a tha aithnichte gu reachdail mar Fios Bliadhnail.Is e riatanas laghail a th' anns a' Chunntas Croitearachd agus feumaidh croitearan uile a lìonadh agus a thilleadh gu Coimisean na Croitearachd.
Feumaidh foirm Cunntais a lìonadh 's a thilleadh airson gach croit. Feumaidh croitearan-gabhail agus croitearan-seilbhe uile an fhoirm Cunntais Croitearachd a lìonadh.
Tha Coimisean na Croitearachd ag iarraidh fiosrachaidh air na tha thu a' dèanamh leis a' chroit. Cuidichidh seo an Coimisean le dealbh shoilleir a stèidheachadh air staid croitearachd gu làithreach. Bidh sinn comasach air an fhiosrachadh a chleachdadh airson Ministearan na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba agus buidhnean eile a chomhairleachadh air luach croitearachd agus mar a tha e a' cur ris a' bheatha làitheil ann an Alba. Leis an fhiosrachadh sin, bidh an Coimisean a' tuigsinn nas fheàrr agus a'togail chùisean mu choinneamh croitearachd san àm ri teachd. Ceadaichidh an Cunntas Croitearachd bliadhnail don Choimisean bunait fianais a thional a bhios a' fàs gach bliadhna, a' cuideachadh le leasachadh na cùise do chroitearachd agus a' cruthachadh argamaidean airson cùisean mar ath-leasachadh Poileasaidh Àiteachais Coitcheann thar nam bliadhnaichean a tha romhainn. Tha an Cunntas a' ceadachadh do chroitearan cur ri cumadh na coimhearsnachd croitearachd mu choinneamh an ama ri teachd.
Tha agad ris a' Chunntas Croitearachd a lìonadh gach bliadhna, fo earrann 40A de Achd nan Croitear (Alba) 1993 mar a chaidh atharrachadh le earrann 36 den Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010. Mura tèid agad air an fhiosrachadh seo a sholarachadh gunadhbhar reusanta, ron cheann-latha ainmichte no a' solarachadh fiosrachaidh nach eil fìor, bidh tu ciontach do eucoir fon Achd. Is e oilbheum eucorach seach sìobhalta a th' ann mura till thu an fhoirm a dh'fhaodadh toradh ann an dìteadh le càin de £200.
Cha lion, gheibh thu foirm Cunntas Croitearachd airson gach croit a th' agad agus feumaidh tu foirm a lìonadh airson gach aon dhiubh. Is e nì laghail fa leth a th' anns gach croit agus feumar foirm fa leth a lìonadh do gach aon dhiubh.
Tha cothrom agaibh fiosrachadh mun chroit agus fiosrachadh mur deidhinn fhèin àth-ùrachadh air an fhoirm Cunntais. Faic Nòtaichean Stiùiridh Cunntas Croitearachd airson tuilleadh fiosrachaidh.
Tha dleastanas air croitear a bhith a' còmhnaidh air no an taobh a-staigh 32km den chroit aca, a' chroit àiteach agus a chumail suas, a' chroit a chur gu feum gnothaicheile eile agus gun dearmad no ì-fheum a dhèanamh den chroit.
Ma tha croitear ann nach eil a' coileanadh a dhleastanasan, tha Coimisean na Croitearachd ri làimh airson taic is comhairle do chroitearan mu na roghainnean a tha an làthair dhaibh. Mura h-eil croitearan comasach air gèilleadh do an dleastanasan, tha àireamh de chomasan ann air am faodar beachdachadh: - a' chroit àiteach no a chur gu feum gnothaicheil eile - tilleadh a dh'fhuireach air no an taobh a-staigh 32km den chroit - tagradh gun Choimisean a bhith às-làthair bhon chroit - tagradh gun Choimisean a'chroit a leigeil air màl gear-ama no fo-ghabhail - a' chroit a shònrachadh - sealbh na croite a thoirt seachad
Is e an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ri neo-ghèilleadh a bhith a' còmhnaidh gu h-àbhaisteach agus a' chroit a ruith gu pearsanta. Faodaidh croitear gabhail tagradh airson an gabhaltas a shònrachadh no fho-thoirt air ghabhail, ma ghabhas Coimisean na Croitearachd ris an tagradh, bidh an riatanas dhleastanasan a' dol air adhart gu an neach-gabhail no fo-neach-gabhail ùr. Faodaidh neach-gabhail an gabhaltas a thoirt suas don uachdaran; bidh e an uair sin na uallach air an uachdaran neach-gabhail ùr a lorg a ghèilleas do dhleastanasan croitearachd.
An dèidh pròiseas mhionaideach de sgrùdadh, a' ceadachadh don neach-gabhail ceistean a' Choimisein a fhreagairt, agus ma thathar riaraichte gu bheil e gu math na coimhearsnachd croitearachd, agus mura h-eil reusan math air a shon, feumaidh an Coimisean òrdugh a dhèanamh a' cur crìoch air a' ghabhaltas. Bidh an t-òrdugh a' ìneachadh a' chinn-latha crìochnachaidh èifeachdach a dh'fheumas a bhith 28 làithean às dèidh don òrdugh fhoillseachadh don neach-gabhail agus don uachdaran.
An dèidh pròiseas mhionaideach de sgrùdadh, a' ceadachadh don chroitear-seilbhe ceistean a' Choimisein a fhreagairt, agus ma thathar riaraichte gu bheil e gu math na coimhearsnachd croitearachd, agus mura h-eil reusan math air a shon, feumaidh an Coimisean iarraidh air a' chroitear-seilbhe molaidhean a chur a-steach gun Choimisean airson a' chroit a thoirt air ghabhail. Feumaidh ùine de 28 làithean a cheadachadh airson suas ri trì molaidhean a chur a-steach. Tha 4 seachdainean aig a' Choimisean bho dheireadh na h-ùine de 28 làithean gus co-dhùnadh a bheil iad a' gabhail ri no a' diùltadh moladh sam bith.
Tha, tha cruthan den fhoirm Cunntais Croitearachd le clò mòr rim faotainn agus na Nòtaichean Stiùiridh. Tha cruthan Gàidhlig ann cuideachd de na Nòtaichean Stiùiridh agus bileag Cunntais Croitearachd. Airson lethbhreac, fònaibh gu 01463 663404. Air sgàth cruth a' Chunntais Croitearachd chan urrainn dhuinn an fhoirm a thairgsinn ann an Gàidhlig.
Chaidh labhairt ri ioma-shealbhadairean uile mus deach an Cunntas a-mach. Chaidh iarraidh orra aon de na sealbhadairean ainmeachadh gus a bhith an urra ris an fhoirm Cunntais a lìonadh. Bu choir don neach sin a-mhàin foirm Cunntais fhaighinn. Mura tachair seo, cuiribh fios gun Sgioba Cunntais Croitearachd (01463 663404.
Bidh seo gu h-àbhaisteach a' tachairt nuair a tha thu air roinn ionaltraidh a chumail a tha leat no air a bheil thu nad neach-gabhail, thathar a' dèiligeadh leis an seo mar chroit agus mar sin gheibheadh tu foirm Cunntais.
Ma fhuair thu foirm, chan eil Coimisean na Croitearachd air an fhiosrachadh iomchaidh fhaotainn bhon t-sealbhadair ùr.
Tha croitear gabhaltais a' briseadh nan cumhachan reachdail ma leigeas iad an croit no pàirt den chroit air màl gun chead bhon Choimisean. Ach chan eil gabhaltasan seusanail fon chumha seo idir. Tha e ann an òrdugh do chroitear teachd-a-steach a ghineadh le bhith a' leigeil an fhearainn air màl gu seusanail mar phàirt de an làimhseachadh air a' chroit. Dh'iarradh an Coimisean gum biodh cleachdadh neo-oifigeil sam bith air a dhèanamh foirmeil, le neach gabhail no neach-seilbhe cead fo-thoirt iarraidh air a' Choimisean airson suas ri 10 bliadhna. Cheadaicheadh seo don neach tagradh airson tabhartasan taic a bhiodh gu buannachd na croite.
Ma tha sealbh agad air a' chroit, tha coltas ann gu bheilear gad fhaicinn mar Uachdaran na croite seach croitear-seilbhe. Chan fheum Uachdarain an Cunntas a lìonadh. Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth, cuiribh fios gu Coimiseanna Croitearachd aig 01463 663 404.
Tha am ìneachadh reachdail air dearmad a'ciallachadh far nach eil a' chroit air a làimhseachadh gus inbhean àiteachais is àrainneachdail math a choileanadh a rèir riaghailt 4 de agus agus an clàr do Riaghailtean Sgeamaichean Poileasaidh Àiteachais Coitcheann (crois-ghèilleadh) (Alba) 2004 (SSI 2004 Air. 518). Staid math àiteachail is àrainneachdail: 4. (1) Tha inbhean staid math àiteachail is àrainneachdail air a bheil iomradh ann an artaigil 5 de Riaghladh na Comhairle air an sònrachadh san riaghailt seo agus an Clàr do na Riaghailtean sin. (2) Feumaidh anm fearann a bhith air a chumail suas ann an dòigh a dhèanadh e dèanadach gu reusanta do neach ùghdarraichte sam bith (agus neach sam bith a dh'fhaodadh a bhith còmhla ris an neach ùghdarraichte)na cumhachdan a chur an gnìomh a tha air an sònrachadh ann an riaghailt 6 a bhith riatanach gus a dhearbhadh a bheil gin de na riatanasan stiùiridh reachdail fo Artaigil 3 den Riaghailt Comhairle no riatanas sanm bith den riaghailt seo no an Clàr do na Riaghailtean sin air an coileanadh.

Is e Sònrachadh an abairt a chleachdar airson gabhaltas croite aiseag bhon chroitear le cead a' Choimisein, ris an canar an neach-sònrachaidh, gu neach a roghnaicheas iad fhèin ris an canar an neach-gabhail molta.

Tha "Mì-riaghladh" a' ciallachadh nuair a tha croitear (no croitear-seilbhe) le fios agus a dh'aon ghnothaich a' cleachdadh na croite airson adhbhar eile seach àiteach is feum buannachdail eile, no far nach eil a' chroit ga cur gu feum sam bith. Tha “Dearmad” ann far nach eil croitear (no croitear-seilbhe) a’ ruith na croite ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean co-cheangailte ri deagh àiteachais is suidheachadh àrainneachdail, air a bheil iomradh ann an riaghailt 4 de Riaghailtean Sgeamaichean Poileasaidh Àiteachais Coitcheann (Tar-Ghèilleadh) (Alba) 2004.

Feumaidh croitearan agus croitearan-seilbhe an croitean àiteach no an cur gu cleachdadh gnothaicheil eile. Tha "Aiteach" co-cheangailte sa chiad àite ri cleachdadh àiteachail. Tha seo a' gabhail a-steach "cleachdadh croite airson àiteach- leasa no airson adhbhar tuathanachais sam bith, a' gabhail a-steach cumail no briodachadh stuic, chearcan no sheilleanan, fàs mheasan, glasraich agus a leithid agus cur chraobhan agus cleachdadh air an fhearann mar fhearann-choilltean". Tha "cleachdadh gnothaicheil" a' ciallachadh cleachdadh a tha air a phlanadh no air a stiùireadh nach eil a' toirt droch bhuaidh air a' chroit, ùidh a' phobaill, ùidhean an uachdarain no cleachdadh air fearann ri làimh.

Bu chòir, chaidh solar do neach-gabhail a thaobh croit a chleachdadh airson adhbhar gnothaicheil a thuilleadh air àiteachas, a thoirt a-steach leis an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2007. Feumaidh neach-gabhail iarrtas a chur a-steach chun an uachdarain airson cead sgrìobhte mus cuirear a’ chroit gu feum gnothaicheil. Mura toir an t-uachdaran seachad cead no ma chuireas an t-uachdaran cumhachan an sàs a tha an neach-gabhail a’ meas neo-reusanta, faodaidh an neach-gabhail iarrtas a chur gu Coimisean na Croitearachd airson cead air a’ chleachdadh a thathar a’ moladh. Cha bu chòir a’ chroit a chur chun a’ chleachdaidh ghnothaicheil a thathar a’ moladh gus a bheil cead air fhaotainn bhon uachdaran, no (mura gabh sin a dhèanamh) bho Choimisean na Croitearachd.

Tha e na dhleastanas air croitear a bhith a’ còmhnaidh an taobh a-staigh 32 cileameatair dìreach bhon chroit aca agus tha dleastanas air Coimisean na Croitearachd seo a chur an gnìomh. Ann a bhith a’ dèanamh sin, bheir an Coimisean brath don phearsa mun fheum air cumail ris an dleastanas seo agus cothrom a thoirt don chroitear gealladh a thoirt sin a dhèanamh. A thaobh sin, chan eil roghainn aig a’ Choimisean ach cumail gu teann ris an astar mhìnichte mar a tha air a chur sìos san reachdas. Ach, mus cuirear crìoch air gabhaltas no iarraidh air sealbhadair a tha às-làthair air a’ chroit ath-thoirt air ghabhail, nì an Coimisean sgrùdadh air an t-suidheachadh anns gach cùis fa leth airson a bhith riaraichte gum biodh a leithid sin de ghnìomh gu math na coimhearsnachd croitearachd.

Far a bheil briseadh air dleastanasan air a dhearbhadh (mar eisimpleir, mì-fheum agus dearmad) le croitear-seilbhe, feumaidh Coimisean na Croitearachd, mura h-eil adhbhar math air a shon, iarraidh air a’ chroitear-seilbhe moladh a chur a-steach thuca airson toirt-air-ghabhail na croite. Mar fhreagairt air an Stiùireadh sin, tha e an urra ris a’ chroitear-seilbhe iarrtas a chur a-steach airson a’ chroit a thoirt air ghabhail do neach-gabhail leis na làn chòirean glèidhte, no faodaidh iad cùmhnant no aonta a tha a’ toirmeasg chòirean sònraichte a ruighinn leis an neach-gabhail. Ach, chan urrainn còirean sònraichte an toirmeasg ach le aonta Cùirt an Fhearainn ann an Alba. Far nach eil croitear-seilbhe a’ solarachadh mholaidhean toirt-air-ghabhail mar fhreagairt do iarrtas bhon Choimisean gus sin a dhèanamh, no mura h-eil na molaidhean a tha iad a’ solarachadh freagarrach don Choimisean, iarraidh sinn tagraidhean a chur a-steach airson a’ chroit-seilbhe a thoirt air ghabhail agus thigear gu co-dhùnadh cò an tagraiche don toirear a’ chroit-seilbhe air ghabhail. Bidh sinn a’ co-chomhairleachadh leis a’ chroitear-seilbhe cuideachd a thaobh nan cumhachan a bu chòir a chur an sàs san toirt-air-ghabhail. Far a bheil croit-seilbhe air a thoirt-air-ghabhail le cumhachan stèidhichte leis a’ Choimisean, faodaidh an croitear-seilbhe iarrtas a chur gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba airson atharrachadh anns na cumhachan a chaidh a stèidheachadh.

Feumaidh an Coimisean rannsachadh a bheilear no nach eilear a’ gèilleadh do dhleastanas far an d’ fhuaireadh: aithisg bho Chomataidh Ionaltraidh nach eil croitear gabhaltais no croitear-seilbhe le roinn anns an ionaltradh a’ gèilleadh do dhleastanas co-cheangailte ri àite-còmhnaidh, chan ann ri mì-fheum no dearmad no ri àiteach agus cumail suas; no fiosrachadh ann an sgrìobhadh bho Chomataidh Ionaltraidh, bho Chonnstabal Ionaltraidh, Measadair Sgìre no ball den choimhearsnachd croitearachd anns a bheil a’ chroit a tha fo amharas a’ bhrisidh air a suidheachadh.

Tha dleastanas air luchd-gabhail agus luchd-seilbhe a bhith a’ còmhnaidh an taobh a-staigh 20 mìle (32 cilemeatair) de an croit(ean); tha dleastanas orra le chèile gun mì-fheum no dearmad a dhèanamh air an croitean; tha dleastanas orra le chèile an cuid chroitean àiteach no an cur gu feum gnothaicheil eile. Chan fheumadh ach neach-gabhail a-mhàin cead a shireadh bhon uachdaran, no mura gabh cead an uachdarain fhaighinn, cead bhon Choimisean mus cuirear am fearann gu feum gnothaicheil. Ma dhearbhas an Coimisean an dèidh sgrùdaidh, gu bheil briseadh dleastanais a thaobh còmhnaidheachd, mì-fheum no dearmad, air àite a ghabhail, ’s e an cronachadh deireannach do neach-gabhail an gabhaltas aca a thoirt gu crìch. ’S e an cronachadh deireannach do chroitear-seilbhe gum bi a’ chroit aca air a toirt-air-ghabhail do chroitear-gabhail. Dh’atharraicheadh inbhe a’ chroiteir-seilbhe an uair sin gu uachdaran na croite.

Cha bhiodh sinn a’ sùileachadh don Chùirt leantainn air adhart an dèidh don Òrdugh a chur a-mach. Ma tha an Coimisean airson a dhèanamh cinnteach gu bheil briseadh air a chur ceart, tha an t-uallach air a’ Choimisean leantainn air adhart le gnìomh iomchaidh.

Faodaidh croitear dleastanasan a bhriseadh leithid: dleastanas Còmhnaidheachd; Dleastanas gun mì-fheum no dearmad a dhèanamh air a’ chroit; Dleastanas a thaobh àiteach na croite agus a cumail suas.Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn fo Riaghailt Dleastanasan Chroitearan.

Faodaidh an Coimisean leis fhèin tòiseachadh air sgrùdaidhean a tha ag èirigh à co-dhùnaidhean poileasaidh no stiùiridhean ministrealach. Cuideachd, coileanaidh an Coimisean sgrùdaidhean mu choinneamh aithisgean air an cur a-steach le daoine no le buidhnean sònraichte.

Faodaidh an Coimisean fios fhaighinn a thaobh amharas air briseadh dleastanais bho: comataidh ionaltraidh; connstabal ionaltraidh; measadair; ball den choimhearsnachd croitearachd. Mura h-eil thu air an liosta seo, faodaidh tu fios a chur a-steach mu amharas air briseadh dleastanais ach chan eil e mar fhiachaibh oirnn a sgrùdadh.

Bu chòir dhut foirm Amharas air Briseadh Dleastanais a lìonadh a gheibhear air an làraich-lìn seo .http://www.crofting.scotland.gov.uk/crofters-duties  No, mura h-eil cothrom agad air an eadar-lìon, faodaidh tu fios a chur gu an oifis againn (01463 663439) agus cuiridh sinn foirm a-mach thugad. Gabhaidh sinn ri fios ann an cruth litreach cho fada 's gu bheil fiosrachadh gu leòr ann a nì e comasach dhuinn a dhol air adhart leis a' chùis.

Tha fearann sam bith a tha air a roinn a-mach às an ionaltradh choitcheann airson cleachdadh toirmeasgach le croitear, air a mheas mar phàirt den chroit aca. Ma cheannaicheas iad an roinn às dèidh sin, tha iad mar shealbhadair air a’ phàirt sin den chroit a tha a’ dèanamh suas na roinne. Mas e neach-earrannan nach eil na chroitear a gheibh an roinn, gheibh iad còir gabhaltais agus bidh an roinn fearainn air a mheas mar chroit. Ma cheannaicheas iad an roinn às dèidh sin, bidh iad nan sealbhadair air a’ phàirt sin a tha air a mheas mar chroit. Tha cuid de roinnean air am buileachadh airson ùine shònraichte. Ma tha iad sin gan ceannach, faodaidh am fearann a bhith air a thilleadh chun an ionaltraidh choitchinn aig deireadh na h-ùine shònraichte. Anns na suidheachaidhean sin, thigeadh an sealbhadair gu bhith na uachdaran air an roinn den ionaltradh choitcheann, air am biodh còirean ionaltraidh aig luchd-earrannan.
Chan eil cuibhreachadh laghail sam bith ann a thaobh buileachadh roinnean air fearann ionaltraidh neo-riaghlaichte. Faodaidh na Coimiseanairean beachdachadh air tagraidhean den t-seòrsa seo, air bunait gach cùise fa leth.
Tha an neach-gabhail a’ gleidheadh nan còirean bhòtaidh sa Chomataidh Ionaltraidh mura h-eil iad sin air an gluasad, an dàrna cuid leis na riaghailtean ionaltraidh no le cumhachan an fho-ghabhaltais. Chan eil riatanas laghail sam bith ann airson an gluasad.
Tha gach comataidh ionaltraidh gu h-àbhaisteach ann an dreuchd airson ùine de thrì bliadhna bhon cheann-latha fastaidh. Bidh an Clàrc Ionaltraidh agaibh comasach air innse dhuibh cuin a bhios ùine a’ Chomataidh Ionaltraidh làithreach a’ tighinn gu crìch. Mus tèid Comataidh ùr a thaghadh, feumaidh fios nochdadh anns a’ phàipear-naidheachd ionadail, a’ toirt cuireadh do luchd-earrannan gu coinneamh airson Comataidh Ionaltraidh ùr a thaghadh.
A bheil meud na Comataidh Ionaltraidh air a cho-dhùnadh leis an luchd-earrannan aig a’ choinneamh a thathar a’ gairm airson Comataidh Ionaltraidh ùr fhastadh?
Tha. Tha taghadh ballrachd Comataidh Ionaltraidh air a dhèanamh le luchd-earrannan an ionaltraidh choitchinn. Feumaidh neach nach eil na neach-earrannan a bhith air a mholadh agus taic a chur ris le luchd-earrannan.
Faodaidh. Tha taghadh ballrachd Comataidh Ionaltraidh air a dhèanamh le luchd-earrannan an ionaltraidh choitchinn. Feumaidh neach nach eil na neach-earrannan a bhith air a mholadh agus taic a chur ris le luchd-earrannan.
Chan fheum, ach mura h-eil iad nam ball taghte chan eil còirean bhòtaidh sam bith aca aig coinneamhan na Comataidh.
Tha e an-còmhnaidh nas fheàrr ma chuireas luchd-earrannan air chois an comataidh ionaltraidh fhèin, ach mura dèan iad sin faodaidh an Coimisean, an dèidh a leithid de sgrùdadh ’s a tha iad a’ meas riatanach, comataidh ionaltraidh a chur air bhonn no neach fhastadh gus a bhith na mhaor ionaltraidh.
Chan fhaod, mura h-eil iad gu sònraichte air cuireadh fhaighinn bhon Chomataidh, agus chan urrainn don phàrtaidh a tha a’ frithealadh com-pàirt a ghabhail sa choinneamh mura h-iarr an Cathraiche orra sin a dhèanamh.
Far a bheil croit ri taobh an ionaltraidh choitchinn, tha an t-uallach air a’ Chomataidh airson feansa na crìche eadar a’ chroit agus an t-ionaltradh coitcheann.
Tha an Coimisean an-còmhnaidh a’ cur ìmpidh air na croitearan a tha a’ faighinn roinn, gun tog iad feansaichean mu thimcheall na roinne, a chumas a-mach stoc. An dèidh sin, bidh an t-uallach air na croitearan agus na thig às an dèidh na feansaichean sin a chumail suas.
Tha na Riaghailtean Ionaltraidh a’ sònrachadh na h-àireimh agus na seòrsa stuic a dh’fhaodas gach croitear fa leth a chur air an ionaltradh choitcheann, aithnichte mar sùmadh.
Faodaidh na Riaghailtean Ionaltraidh seo a mhìneachadh, no air an làimh eile tha e an urra ri co-dhùnadh bhon Chomataidh Ionaltraidh.
Tha sùmadh san fharsaingeachd co-cheangailte ri crodh agus caoraich. Ann an suidheachadh neo-àbhaisteach, faodaidh cuid de Chomataidhean Ionaltraidh an Riaghailtean Ionaltraidh atharrachadh gus gnèithean eile stuic a ghabhail a-steach.
Feumaidh, ma tha an sùmadh agad a’ toirt dhut còir air crodh ionaltradh air an fhearann ionaltraidh choitcheann, mura h-eil na Riaghailtean Ionaltraidh ag àithneadh a chaochladh.
San fharsaingeachd, tha a’ Chomataidh Ionaltraidh an urra ri làimhseachadh stuic a tha san ionaltradh choitcheann. Mura gabh stoc a chumail anns na h-àiteachan sin tro bhuachailleachd àbhaisteach no feansaichean agus do bheil luchd-earrannan a’ pàigheadh màil, dh’fhaodadh an uair sin gum biodh e iomchaidh ann an cuid de shuidheachaidhean an tilleadh air ais gu croitean an luchd-stuic fa leth.
Bu chòir don Chomataidh sgrìobhadh chun an neach-earrannan, le fiosrachadh air an fheum air gèilleadh do na riaghailtean. Mura lean an neach-earrannan stiùireadh bhon Chomataidh, bu chòir an uair sin a’ chùis aithris do Choimisean na Croitearachd mar bhriseadh air an Riaghailtean Ionaltraidh.
Is e farsaingeachd de fhearann garbh a th’ ann an ionaltradh coitcheann a bhios air a roinn le àireamh de chroitearan no luchd-gabhail eile.
Far a bheil croitear air a chroit a cheannach às aonais a roinn ionaltraidh, bidh an roinn ionaltraidh air a mheas mar chroit air ghabhaltas. Mar chroit, is e croitear gleidheadair na còrach agus mar sin airson Earrann 52(4) de Achd nan Croitear (Alba) 1993, airidh air roinneadh.

Chaidh am Bile Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba air 1 Iuchair 2010 agus fhuair e Aonta Rìoghail air 6 Lùnastal 2010. Is e prìomh amasan a’ Bhile a chaidh a chomharrachadh le Ministearan na h-Alba: Coimisean nan Croitearan ath-leasachadh airson a dhèanamh nas deamocrataiche agus nas cunntachaile le bhith a’ gabhail a-steach buill air an taghadh; Clàr ùr Croitearachd a stèidheachadh a bhios a’ solarachadh cinnt laghail nas fheàrr thar meud agus ùidh ann an croitean; Dleastanasan a chur air croitearan-gabhail is croitearan-seilbhe a bhith a’ còmhnaidh air no faisg air a’ chroit aca agus ag obrachadh an fhearainn, agus cumhachdan a thoirt don Choimisean gus na dleastanasan sin a sparradh; Dèiligeadh le beachdachadh air luach fearann croite agus fearann croite a dhìon gu math nan ginealaichean ri teachd.

Airson fiosrachadh mu chlàradh ur croit, faicibh Crofting Register page on this website

Chan eil, faodaidh croitear iarrtas di-chroitidh a chur a-steach airson làrach taighe mus builich an t-ùghdarras cead planaidh airson na làraich, ma tha an t-iarrtas air a chur a-steach chun an ùghdarrais planaidh agus gu bheil àireamh planaidh dligheach aig a’ chroitear (a dh’fheumas a bhith air a chur don fhoirm iarrtais air di-chroiteadh mus cuirear a-steach e.)
Bhiodh tu a’ cur a-steach ann an da-rìribh airson am fearann agad a thoirt air ais gu gabhaltas croitearachd. Is e seo an aon dòigh ri bhith a’ cur a-steach chun a’ Choimisein airson croit ùr a chruthachadh. Gheibhear cùl-fiosrachaidh buntainneach, stiùireadh agus foirm iarrtais fo “Cruthachadh Croit Ùr �‘ Foirmean agus Stiùireadh” air duilleag Foirmean & Bileagan air an làraich-lìn seo.
Aon uair agus gu bheil a’ chroit air a gluasad a-mach bho ghabhaltas croitearachd tro dhi-chroiteadh, chan eil solaran nan Achdan Croitearachd iomchaidh tuilleadh.

Suas gu 12 seachdainean, a rèir meud na làraich, mathas an fhearainn, mar a bheir atharrachadh na làraich buaidh air obrachadh na croite agus na freagairtean a gheibh an Coimisean mu choinneamh a’ phròiseis fiosrachaidh.

Mas e cur-air-adhart a th’ ann a thaobh stiùireadh air ceannach a chaidh a chur a-mach gu neach-gabhail croite, cha bhi an stiùireadh èifeachdach mura ceannaich an neach-gabhail no a neach-ainmichte am farsaingeachd fearainn an taobh a-staigh 5 bliadhna bho cheann-latha an stiùiridh: earrann 25(4) de Achd nan Croitearan (Alba) 1993 (mar a chaidh atharrachadh). Mas e stiùireadh a th’ ann a chaidh a chur a-mach gu sealbhadair croite, faodaidh an Coimisean cumhachan a chur an cèill (a’ gabhail a-steach raointean-ama) co-cheangailte ris an fheum a tha san amharc airson an fhearainn, Earrann 24(3).

Is urrainn, ma dh'fhuiricheas iad nan neach-gabhail no na neach-seilbhe air a' phìos fearainn, faodaidh iad tagardh eile a dhèanamh gu am fearann a dhi-chroiteadh.

Ma tha cumha sònraichte - can gu bheil am pìos fearainn air a bheil an stiùireadh dèante gu bhith air fheansadh dheth, - agus cuibhreachadh ùine co-cheangailte ris, dè a' bhuaidh a bheir neo-ghèilleadh don chuibhreachadh ama, ma bheir idir?

Ma tha an Coimisean riaraichte gu bheil briseadh air cumhachan, faodaidh iad tuilleadh stiùiridh a dhèanamh gum bi am fearann mu bheil am briseadh chumhachan,  na chroit falamh: Earrann 25(3). Ach chan urrainn don Choimisean stiùireadh eile a dhèanamh ma tha còrr air 20 bliadhna air a dhol seachad bho chaidh an stiùireadh a lìbhrigeadh, no gu bheil am fearann air a chur gu neach eile seach an croitear a bh' ann no ball de theaghlach a' chroiteir a bh' ann: no gu bheil fiachan air an gleidheadh aig an àm seo tro thèarainteachd coitcheann thairis air, no thairis air còir fìor sam bith san fhearann no ann am pàirt dheth. 

 

Chan eil. Tha Earrann 25(4)gu soilleir a' solarachadh gum feum am fearann do bheil an Stiùireadh ceangailte a bhith air fhaotainn leis a' chroitear no an t-ainmiche aige an taobh a-staigh 5 bliadhna bhon cheann-latha a chaidh an Stiùireadh a thoirt. Chan eil feum air solar eile san Achd a' ceadachadh aiseag air an Stiùireadh do phàrtaidh eile.

Ma tha an Coimisean riaraichte gu bheil brisweadh cumha air tachairt, faodaidh iad stiùireadh eile a dhèanamh gu bheil am fearann a tha co-cheangailte ris a' bhriseadh cumha, a bhith na chroit falamh: Section 25(3) Ach chan urrainn don Choimisean tuilleadh stiùiridh a dhèanamh ma tha còrr air 20 bliadhna air a dhol seachad bho chaidh an stiùireadh a sgaoileadh, no gu bheil am fearann on uair sin air a thoirt do neach eile seach an croitear a bh' ann an toiseach no ball de theaghlach a' chroiteir a bh' ann: no gu bheil fiachan gu làithreach air a thèarainn mar thèarainteachd coitcheann thairis air, no thairis air còir fìor sam bith, anns an fhearann no pàirt sam bith dheth.

Chaidh Gabhailean Earrann 17/18 a bhuileachadh air croitearan às-làthair, a fhuair Tiotal gu làrach an taigh croite a' leantainn air oidhirp bhon Choimisean an gabhaltas croite a thoirt gu crìch. Chaidh Gabhailean Earrann 18 a bhuileachadh do chroitearan aosta a thug suas an gabhaltas croite air chumha gum faigheadh iad Tiotal air làrach an taigh croite. Chaidh Gabhailean Earrann 17 agus18 Feus a stad nuair a thàinig anb Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) gu bith air 10 Ògmhios 1976. Ach, tha am fearann ris a bheil iad co-cheangailte fhathast fo bhuaidh nan Achdan Croitearachd gus a bheil Stiùireadh di-chroitidh air a bhuileachadh leis a' Choimisean.

Thug Achd Gleidhidhean Chroitearan (Alba) 1886 cead còrach don uachdaran tagradh airson ùghdarras fearann croite a thoirt air ais (a ghluasad bho ghabhaltas croitearachd) airson adhbhar reusanta, le ùmhlachd do phàigheadh dìolaidh don chroitear. Cheadaich Achd nan Croitearan (Alba) 1955 do dh'uachdaran croite falamh tagradh gu Rùnaire na Stàite ann an Alba airson stiùireadh gu stad a chur air a' chroit (no pàirt den chroit) a bhith na croit. Ghluais Achd na Croitearachd (Alba) 1976 uallach di-chroitidh gu Coimisean nan Croitearan. Thug i a-steach cuideachd na leanas: còir air tagradh do stiùireadh di-chroitidh airson adhbhar reusanta, còir aig croitear-gabhail a tha a' moladh fearann croite fhaotainn gus tagradh airson di-chroiteadh, còir air làrach reachdail taigh-croite agus fearann gàrraidh a dhi-chroiteadh. Thug an Achd Croitearachd (Atharraichte) (Alba) 2013 a-steach còir do chroitearan-seilbhe tagradh don Choimisean airson stiùireadh di-chroitidh.

 

Am pròiseas tro am faod uachdaran, le aonta Cùirt an Fhearainn, fearann a thoirt à gabhaltas croitearachd.

 

Ann am beachd a’ Choimisein, chan eil roinn a dhìth a thaobh agus nach e croitear-seilbhe a th’ ann an neach aig a bheil pàirt-croit. Mar sin, chan eil riatanas sam bith ann airson roinn agus gun teagamh sam bith, bhiodh a leithid sin de dh’iarrtas airson roinn air a mheas neo-chomasach. Tha neach a tha airson am pàirt-croite a reic air a bheil sealbh aige/aice, saor sin a dhèanamh ach leis an aonta gum fuirich bith na croite iomlan agus nach eilear a’ roinn na croite le bhith ga reic.
Tha e an crochadh air a bheil na sealbhadairean ùra an dùil (a) tiotal a ghleidheadh air a’ chroit iomlan an co-bhoinn le chèile, no (b) tiotal a ghleidheadh gu pàirtean comharraichte fa leth den chroit. Sa chiad suidheachadh (a) cha bhiodh feum air iarrtas airson am fearann a roinn. Ann an suidheachadh (b) bhiodh feum air iarrtas a thaobh cead bhon Choimisean gus a’ chroit a roinn airson 3 croitean a chruthachadh air am biodh sealbh fa leth agus air an clàradh fa leth ann an ainmean gach neach.

A thaobh croitearan-seilbhe, chan eil am mìneachadh air a sholarachadh le Earrann 19B a' gabhail a-steach tiomnaiche croitear-seilbhe. Mar sin, cha bhiodh e teisteanaichte do thiomnaiche croitear-seilbhe, tagradh airson roinn.  

Tha Fo-earrann 19D(1) ag ràdh nach urrainn do chroitear-seilbhe pàirt sam bith de chroit croitear-seilbhe a ghluasad (eadar gu bheil no nach eil airson beachdachasdh luaich) gun a' chroit a roinn an toiseach don phàirt a tha an croitear-seilbhe a' moladh a ghluasad, agus am pàirt a tha an croitear-seilbhe a' moladh a chumail. Tha Fo-earrann 19D(6) a' solarachadh gu bheil gluasad sam bith air sealbh de phàirt sam bith de chroit ann an seilbh nach eil na chroit ùr air a chruthachadh tro roinn fon earrann seo, agus tiotal sam bith ag iarraidh seilbh air a' phàirt sin a ghluasad, falamh gun èifeachd.

Chan urrainn don Choimisean a ch an aonta a thoirt do roinn air croit a' leantainn air tagradh sin a dhèanamh le bhith: (a) neach-gabhail fo earrann 9, no (b) croitear-seilbhe fo earrann 19D. Is e beachd a' Choimisein gu bheil mìneachadh air croitear-seilbhe ann an Earrann 19B a' cumail a-mach phearsachan aig a bheil sealbh air pàirt de chroit.  (s. 19B (2)). Chan eil sinn ga mheas comasach seo a leughadh mar shealbhadair croite no pàirt de chroit, oir ann an àiteachan eile san Achd tha pàirt de chroit air a mhìneachadh a thuilleadh air a' chroit. Leis an loidsig seo, faodaidh croitearan-seilbhe a bhith mar dhaoine aig a bheil tiotal don chroit, fa leth no ann an co-bhonn, ach chan eil am mìneachadh a' leudachadh a-mach gu na daoine sin aig a bheil sealbh air pàirt de chroit. Mar bhuil air an seo, chan eil tagradh roinne air a chur a-steach leis an uachdaran de phàirt croite falamh, comasach oir chan e neach-gabhail no croitear-seilbhe a th' annta. Is e buil eile, bho nach eil iad nan croitearan-seilbhe, chan eil aca ri aonta nan Coimiseanairean fhaotainn gu a' chroit a roinn ron ghluasad, eadar gur ann no nach ann airson luach, no pàirt sam bith den chroit.

Faodaidh, faodaidh croitear seilbhe tagradh airson cead bhon Choimisean a thaobh gabhail air màl air a’ chroite a tha san amharc, airson ùine nach bi nas fhaide na 10 bliadhna (“geàrr-ghabhail). Dh’fhaodadh gun leag an Coimisean cumhachan (seach an fheadhainn co-cheangailte ri màl) air a’ ghabhail mar a chì iad iomchaidh.

Cha dhèiligear le luchd-gabhail a tha fo ghabhaltas gheàrr-ama mar chroitear no mar neach-gabhail fon Achd Fearann Àiteachais (Alba) 2003. Mar thoradh air an sin, cha bhi na h-aon chòirean laghail aca ris an t-seòrsa sin de luchd-gabhail. Ach, faodaidh an Coimisean, ann an ceadachadh gabhail-fearainn a tha san amharc air croit-seilbhe airson ùine gun a bhith nas fhaide na 10 bliadhna (â gabhail geàrr), cumhachan a chur an sàs (a bharrachd air feadhainn co-cheangailte ri màl) a thathar a’ meas iomchaidh. A thuilleadh air an sin, faodaidh an Coimisean geàrr-ghabhail a chaidh a bhuileachadh a thoirt gu crìch, ma bhios gin de na cumhachan a chaidh a chur an sàs air am briseadh no mura gèill an neach-gabhail do chumha toirt-air-ghabhail, a bharrachd air aon sam bith co-cheangailte ri màl.

Cha tèid dèiligeadh le luchd-gabhail air geàrr-ghabhail mar chroitear no mar neach-gabhail fo Achd Tacan Ãiteachais (Alba) 2003. Mar thoradh air an sin, cha bhi na h-aon chòirean laghail aca ris an t-seòrsa luchd-gabhail sin. Ach, faodaidh an Coimisean ann a bhith a’ toirt cead airson gabhail a tha air a mholadh dha croit-seilbhe fad ùine nach bi nas fhaide na 10 bliadhna (geàrr-ghabhail), cumhachan a chur nan àite (seach feadhainn co-cheangailte ri màl) a thathar a’ meas iomchaidh. A thuilleadh air an sin, faodaidh an Coimisean geàrr-ghabhail a chrìochnachadh ma bhrisear cumhachan sam bith a chaidh a chur nan àite no mura cùm luchd-gabhail ri cumha toirt-air-ghabhail, seach feadhainn co-cheangailte ri màl.

Chun na h-ìre gur e buaidh an toirt-air-ghabhail a bhith a’ cruthachadh croit ùr air a ghabhail le croitear-gabhail, atharraichidh inbhe an neach-seilbhe a th’ air fhàgail bho uachdaran croit falamh gu croitear-seilbhe no uachdaran croit falamh, a rèir a bheil no nach eil e a’ coileanadh nan cumhachan neach-seilbhe a tha air an cur sìos ann an Earrann 19B.

Tha na cumhachan coitcheann a thaobh toirt-air-ghabhail air am mìneachadh ann an Clàr 2 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Ma tha uachdaran agus neach-gabhail air an ainm a chur ri cunnradh no ri aonta a tha a' cuibhreachadh chòraichean an neach-gabhail a thaobh gluasad còir fearainn, ceannach, roinn luach an fhearainn air athoirt air ais leis an uachdaran, agus/no roinn ann an luach fearainn air a thoirt an seilbh gu h-èigneachail, feumaidh an Coimisean lethbhreac den chunnradh no den aonta fhaighinn. A thuilleadh air an sin, ma tha iad air a dhol a-steach do chunnradh no aonta  a tha a' cuibhreachadh chòraichean sam bith eile bhon neach-gabhail, feumaidh an cunnradh no an aonta a bhith air aontachadh cuideachd le Cùirt an Fhearainn ann an Alba.

 

'S e siostam de ghabhaltas croite a th' ann an croitearachd, a tha air a riaghladh tro na h-Achdan Croitearachd, agus a tha ri lorg a-mhàin ann an Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba.
Tha 19,422 croit ann agus mu 11,500 croitear. Tha barrachd air aon chroit aig cuid de chroitearan. Thathar a' tuairmeas gu bheil còrr agus 33,000 neach a' fuireach ann am fàrdaichean croitearachd.
'S e aonad fearainn fo ùmhlachd Achdan na Croitearachd a th' ann an croit. Chan e taigh a th' ann an croit.
'S e neach-gabhail croite a th' ann an croitear. Tha croitean air iomadh oighreachd sa Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan agus bidh an t-uachdaran a' faighinn màil bho na croitearan. Bidh na màil a rèir luach an fhearainn mus do leasaich ginealaichean leantainneach de chroitearan an talamh. Tha an taigh, na togalaichean àiteachais, feansaichean, drèanaichean agus rathaidean air an solarachadh leis a' chroitear.
Bidh croitean a' tighinn ann an raon mheudan, bho nas lugha na 1/2 heactair (ha) gu nas motha na 50 ha, ach tha croit chuibheasach nas fhaisge air 5 ha. Tha a' chuid as motha de chroitean nam pàirt de bhaile agus tha co-roinn aca ann an ionaltradh beinne air a chumail ann an cumantas còmhla ri croitearan eile - rud ris an canar ionaltradh coitcheann.
Is ann ainneamh a bhios croit a' solarachadh teachd-a-steach làn-ùine agus tha cosnadh eile, air falbh bhon chroit, aig a' chuid as motha de chroitearan. Gu traidiseanta, bidh croitearan ag àrach chaorach is chrodh air an fhearann agus tha mòran chroitearan a-nis a' cleachdadh an croitean ann an dòighean eile gus teachd-a-steach a chosnadh bho àiteachas gàrraidh, fàs glasraich no turasachd, mar eisimpleir.
Is e glè bheag de ghabhaltasan a tha a’ tighinn air a’ mhargaidh agus tha iarrtas mòr air an son. Faodaidh croitearan san amharc coimhead a-mach airson gabhaltasan sna pàipearan naidheachd ionadail no faodaidh iad labhairt ri luchd-lagha croitearachd no luchd-oighreachd gus an ùidh a chlàradh. Tha cuid air croit a lorg tro chur sanas ‘iarraidh’ anns a’ phàipear-naidheachd bhuntainneach ionadail. Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF) a’ cur liosta ri chèile de dhaoine aig a bheil ùidh ann an croit agus solaraichidh iad fiosrachadh air mar a lorgar croit agus air na croitean falamh a tha rim faotainn. Ma tha sibh airson a bhith san iomairt seo, cuiribh fios gu HQ@crofting.org 01599 530005.
Feumaidh croitearan gabhail agus croitearan seilbhe a bhith a’ còmhnaidh gu h-àbhaisteach air no an taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit aca. Faodar iarrtas a chur gun Choimisean airson cead a bhith às-làthair agus feumaidh an Coimisean, ann am beachdachadh air cead mar sin a bhuileachadh, a bhith riaraichte gu bheil adhbhar math ann airson sin a dhèanamh.
Tha Riaghaltas na h-Alba air aontachadh gum faod croitearan clàraichte agus croitearan seilbhe uile seasamh airson an taghaidh gu Coimisean na Croitearachd. ’S e 16 an aois as òige airson tagraichean. Gu làithreach, tha co-chomhairle a’ gabhail àite air na taghaidhean. ’S e aon de na beachdan anns an dreachd riaghailtean gum faod tagraichean neo-chroitearachd a bhith air an cur air adhart le neach a tha airidh air bhòtadh sna taghaidhean. Thathar a’ moladh gum feum mion-fhiosrachadh a bhith air a ghabhail a-steach mun neach a tha a’ cur air adhart neo-chroitear, agus nach urrainn don neach ainmichte seasamh ach ann an raon-taghaidh an neach a tha ga ainmeachadh.
Bu chòir gum biodh ainm-sgrìobhte aon den luchd-tagraidh gu leòr.
Daingnichidh na Riaghailtean Ionaltraidh dè an seòrsa siostam stiùiridh a tha air a chur na àite thar ìosan a’ gheamhraidh, agus bidh an Clàrc Ionaltraidh agaibh comasach air an fhiosrachadh seo a thoirt dhuibh.
Tha gnothaich cuibhrichte againn ri pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail, gu h-àraid ann an co-theacs di-chroitidh airson leasachadh. Tha na foirmean iarrtais agus na poileasaidhean againn rim faotainn air an làraich-lìn againn. Tha cùisean ath-nuadhachail a’ tighinn an taobh a-staigh a’ mhìneachaidh air cleachdadh gnothaicheil a thaobh fearann croite. Dh’fhaodadh gum bu mhath leibh coimhead ri làrach-lìn Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba aig www.communityenergyscotland.org.uk
Bu chòir do chùisean a thaobh math stuic a bhith air an aithris don ùghdarras ionadail.
Tha, tha croitearan buailteach do sholaran Achd nan Ainmhidhean (Alba) 1987.
Chan urrainn dhuinn comhairle mhionaideach a sholarachadh air am biodh no nach biodh e buannachdail tac a chlàradh mar chroit a chionn ’s gum biodh e an crochadh air gach suidheachadh fa leth. Mar a’ bhuidheann riaghlaidh air croitearachd a dh’fheumas beachdachadh air luach iarrtais sam bith a thaobh fearann a bhun-reachdachadh mar chroit, chan urrainn dhuinn ach stiùireadh coitcheann a sholarachadh do thagraichean a tha san amharc, a tha ri fhaotainn air duilleag Foirmean is Bileagan na làraich-lìn seo fo Cruthachadh Croit Ùr.
Tha Earrann 23(10) a’ cur air bhonn gu bheil croit falamh mura h-eil e air a ghabhail thairis le: neach-gabhail croite, croitear-seilbhe, fo-neach-gabhail a tha air aontachadh leis a’ Choimisean fo Earrann 27 no neach-gabhail air geàrr-ghabhail air aontachadh leis a’ Choimisean fo Earrann 29A. Mar sin, feumaidh neach sam bith aig a bheil tiotal dha fearann croite nach eil air a ghabhail thairis le aon de na seòrsaichean gu h-àrd, a bhith na uachdaran air croit falamh. Faodaidh an Coimisean gabhail chroitean falamh a riaghladh tro bhith a’ toirt brath don uachdaran fo Earrann 23(5) gus molaidhean a thaobh toirt-air-ghabhail na croite a chur a-steach.

Faodaidh tu lethbhreac den Achd ìos-lodadh bhon làraich-lìn againn (faic fo Foirmean agus Dtiùireadh) no cuir fios gu Oifis nam Pàipearan, PO Box 29, Norwich, NR3 1GN.

Chan eil pàirt sam bith aig a' Choimisean ann a bhith a' dearbhadh crìochan chroitean. Far a bheil connspaid a thaobh crìoch croite, tha e fosgailte do na buidhnean a tha ri connspaid tagradh a chur gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba airson na crìochan a dhaingneachadh.  

Chan eil smachd sam bith aig a' Choimisean air cùis fheansaichean dealain (no feansadh san fharsaingeachd) agus mar sin chan eil fiosrachadh sam bith againn air na riaghailtean no na h-inbhean. Ach tha sinn mothachail gur e cleachdadh àiteachail a th' ann am feans dealain airson stoc a ghleidheadh. Bu choir do shoidhnichean freagarrach a bhith an-àird far a bheilear ga chleachdadh. Dh'fhaodadh gum bi Buidheann-gnìomha Slàinte is Sàbhailteachd comasach air comhairle is stiùireadh a thoirt mun chùis seo.

Chan urrainn don Choimisean gabhail ri no freagairt do bheachdan sam bith a nithear gun urra no ann an dìomhaireachd a thaobh thagraidhean riaghlaidh. Ach, gabhaidh sinn ri agus freagraidh sinn gearanan a nithear gun urra, ma tha gu leòr fiosrachaidh na lùib airson sin a dhèanamh.

Neach le gabhaltas bho bhliadhna gu bliadhna air taigh-còmhnaidh gun fhearann co-cheangailte, stèidhichte anns na sgìrean croitearachd.

Sriopan togte (feannagan) de fhearann air àiteach, a lorgar sna h-Eileanan an Iar.

Chan fhaod. Dh’fheumadh tarraing às air iarrtas airson cead a’ Choimisein a thaobh fearann no tac a bhun-reachdachadh mar chroit, àite a ghabhail mus tigeadh an Coimisean gu co-dhùnadh mun iarrtas fo Earrann 3A(1) no (2). Aon uair ’s gu bheilear air tighinn gu co-dhùnadh, tha e an uair sin fosgailte do phàrtaidhean air an iarrtas le ùidh an co-dhùnadh ath-thagradh gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba fo Earrann 52A, an taobh a-staigh 42 làithean don Choimisean faighinn cuidhteas den iarrtas. Chan eil solar an taobh a-staigh na h-Achd airson an Coimisean co-dhùnadh a thilleadh no a lùghdachadh.

Gliogaibh an seo airson an Nòta Fiosrachaidh air Croitean Ùra fhaicinn

Tha na h-aon dhleastanasan a’ bualadh air an dà chuid croitearan gabhail is croitearan seilbhe. Is iad na dleastanasan sin, gum feum thu a bhith a’ còmhnaidh gu h-àbhaisteach air no an taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit: chan fhaod thu ì-riaghladh no dearmad a dhèanamh air a’ chroit; feumaidh tu a’ chroit àiteach; no a’ chroit a chur gu feum bunnachdail eile.
Chan fhaod croitear seilbhe pàirt sam bith den chroit a ghluasad no a reic gun a roinn an toiseach ann am phàirt a thathar an dùil a ghluasad agus am pàirt a thathar an dùil a chumail. Feumar aonta a’ Choimisein fhaotainn mus gabh roinn na croite àite. Mura faighear aonta a’ Choimisein, bidh an iomchair falamh gun èifeachd agus bu chòir dhut do chomhairle laghail fhèin fhaotainn mun chùis seo a chionn ’s gu bheil builean laghail cudromach na lùib. Tha riatanas air a bhith an-còmhnaidh air croitearan gabhail, cead a’ Choimisein fhaotainn mus roinn iad an croit, agus tha seo gun atharrachadh.
Airson bacadh a chur air neach laghail, com-pàirteachas le buailteachd cuibhrichte no companaidh bho bhith nan croitear-seilbhe, feumaidh solar a bhith san Achd a tha ag aithris no a’ ciallachadh gu bheil iad air an dùnadh a-mach. Ann an cùis chroitearan seilbhe, chan eil sinn a’ lorg iomradh sam bith a tha a’ cur bacadh air daoine laghail bho bhith san dreuchd sin. Mar sin, dh’fhaodadh e a bhith gu bheil e comasach do dhaoine laghail a bhith nan croitearan seilbhe. Bhiodh ìmpidh fhathast air companaidh a thaobh nan dleastanasan is nan uallaichean a choileanadh, a tha an Achd a’ sparradh air croitearan seilbhe agus bhiodh e cothromach a ràdh nach biodh iad air am meas a bhith a’ gèilleadh ach a-mhàin ma tha aon de na stiùirichean no aon den luchd-earrannan ag àiteach na croite.
Chan fhaod, tha iad nan uachdaran air croit falamh.
Chan fhaod, chan urrainn ach sealbhadair croite iomlan no sealbhadairean, aig a bheil sealbh na croite iomlain ann an co-bhoinn, iarrtas a chur a-steach airson toirt-air-ghabhail geàrr-ama air gabhaltas croite.

Ro 1 Dàmhair 2011 bha "croitearan-seilbhe" gu h-èifeachdadh nan uachadarain air croitean falamh. Bho 1 Dàmhair 2011, tha Achd nan Croitearan (Alba) 1993 (mar a chaidh atharrachadh) a' mìneachadh croitear-seilbhe mar chroitear ma tha sealbh aca air croit; agus gun robh iad na neach-gabhail air a' chroit nuair a fhuaireadh am fearann croite no ainmichte le croitear no neacheigin a cheannaich a' chroit bhon uachdaran reachdail (1) (no neach-leantainn san tiotal do aon sam bith de na pearsachan sin). A thuilleadh air an sin, chan fhaodadh a' chroit a bhith air a leigeil air màl do neach sam bith mar chroitear, on chaidh fhaotainn no a bhonn-stèidheachadh mar chroit. (1) Is e uachdaran reachdail, sealbhadair an fhearainn aig an àm a chaidh abhonn-stèidheachadh mar chroit fon t-solar ùr cruthachadh croite, no neach-leantainn sealbhadair ann an tiotal.

Gus am ìneachadh reachdail air croitear-seilbhe a choileanadh, feumaidh neach na 3 cumhachan a riarachadh a tha air an cur sìos ann an Earrann 19B de Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Tha a’ chiad fhear de na cumhachan sin a’ ìneachadh gum feum croitear-seilbhe a bhith na shealbhadair air a’ chroit. Faodaidh sealbh a bhith aig barrachd na aon neach air a’ chroit, ach feumaidh sealbh a bhith aig na daoine sin air a’ chroit iomlan gu co-phàirteach agus feumaidh na còirean laghail a bhith anns na h-ainmean co-phàirteach. Mar sin, chan eil an Coimisean a’ beachdachadh orrasan aig a bheil sealbh ach air pàirt-croit mar chroitearan seilbhe, a thaobh agus nach eil iad comasach air na 3 cumhachan a riarachadh. Da rèir sin, tha an Coimisean a’ beachdachadh orra mar uachdarain air pàirt de chroit falamh. Tha e fosgailte don Choimisean cleachdadh an neach sin air a’ chroit a riaghailteachadh fo earrannan 23 - 25 de Achd 1993 (seach earrannan 26A-26K), a tha co-cheangailte ri croitearan seilbhe. A thuilleadh air an sin, chan urrainn do dh’uachdaran air pàirt de chroit falamh iarrtas a chur a-steach airson roinn fo earrann 19D oir feumaidh a leithid sin de dh’iarrtas a bhith air a choileanadh le croitear-seilbhe. Mar an ceudna, chan urrainn dhaibh iarrtas a chur a-steach airson am pàirt den chroit a thoirt air ghabhail airson àm geàrr fo earrann 29A, a thaobh agus nach eil an roghainn seo fosgailte ach do chroitearan seilbhe. Dh’fhaodadh gun do ghabh suidheachaidhean mar seo àite mar thoradh air sealbh air pàirtean croite a bhith air a ghluasad air sgàth beachd (nach robh ceart) gum biodh a’ chroit air a roinn co-dhiù. Chan urrainn roinn sam bith air croit (eadar gur ann le croitear-gabhail no le croitear-seilbhe) a bhith air a chur an gnìomh ach leis a’ Choimisean, a’ leantainn air iarrtas chun a’ Choimisein agus co-dhùnadh dearbhach às dèidh sin leis a’ Chòimisean.
Fo Earrann 19D, dh’fheumadh an croitear-seilbhe cead iarraidh air a’ Choimisean gus a’ chroit a roinn don phàirt a thathar a’ roghnachadh a chumail, agus an làrach taighe is fearann gàrraidh a thathar airson a reic / a ghluasad, mura robh e roimhe air an làrach taighe agus am fearann gàrraidh a dhi-chroiteadh.
Faodaidh cùis seach cùis a bhith iomchaidh. Ma chuireas neach-seilbhe iarrtas a-steach airson gabhaltas na croite a thoirt air ghabhail, faodaidh e na làn-chòirean a chur a-steach no faodaidh e a thighinn gu aonta no cùmhnant leis an neach-gabhail a dh’fhàgas às còirean sònraichte, a’ gabhail a-steach còir air ceannach. Ann a leithid sin de shuidheachadh, feumaidh e lethbhreac den aonta a sholarachadh do Choimisean na Croitearachd agus cuiridh sinn lethbhreac den aonta a-steach do Chlàr nan Croitean. Far a bheil a leithid sin de lethbhreac air a chur a-steach, le ùmhlachd do chumhachan a’ chùmhnaint no an aonta, tha an toirmeasg air a bheil iomradh ceangaltach air an iar-theachdaiche do shealbh a’ chroiteir. Anns gach cùis, aon uair ’s gu bheil an toirt-air-ghabhail èifeachdach, thig an croitear-seilbhe gu bhith na uachdaran air a’ chroit.
Is e sealbhadair an fhearainn aig an àm a chaidh a bhun-reachdachadh mar chroit fo sholaran croit ùr ann an Earrann 3A a th’ anns an Uachdaran Bhun-reachdail.
Chan eil, chan eil an t-uachdaran bun-reachdail a’ freagairt a’ mhìneachaidh air croitear-seilbhe mar a tha air a chur sìos ann an Earrann 19B(3). Bhiodh neach a cheannaicheas a’ chroit bhon uachdaran bhun-reachdail (no na iar-theachdaiche air a leithid sin de cheannaiche san tiotal) barantaichte cho fada ’s a tha cumhachan croitear-seilbhe mar a tha air an cur sìos ann an Earrann 19B(2) agus 19B(4) air an coileanadh.

Tha a' phrìs an crochadh air an sgìre agus air gnè an fhearainn croite, togalaichean is feansaichean sam bith agus an staid sa bheil iad, an làrach agus iarrtas sam bith eile. Tha a' phrìs buailteach a bhith an ìre mhath co-ionann eadar gu bheil thu a' ceannach a' ghabhaltais no a' gabhail sealbh air a' chroit. Cha bhi an Coimisean a' suidheachadh prìs na croite.
Tha an teirm “croitear seilbhe” a-nis air a mhìneachadh ann an lagh. Aithnichidh an Coimisean neach mar chroitear seilbhe mas ann leis a tha croit agus ma bha e/i na neach-gabhail air a’ chroit nuair a chaidh am fearann croite fhaotainn no ainmichte le croitear no mar neach a cheannaich a’ chroit bhon uachdaran (no na neach-ionad dligheach do aon de na daoine sin). A thuilleadh air an sin, chan fhaodadh a’ chroit a bhith air a leigeil a-mach air màl gu neach sam bith mar chroitear bho chaidh a’ chroit fhaotainn no ainmeachadh mar chroit.
Faodar an dà chuid a chur an gnìomh. Ma chuireas croitear-seilbhe iarrtas a-steach airson gabhaltas na croite a thoirt air ghabhail, faodaidh iad na làn-chòirean a ghabhail a-steach no faodaidh iad a thighinn gu aonta no cùmhnant leis an neach-gabhail, a’ toirmeasg cuid de chòirean, a’ gabhail a-steach ‘còir ceannach’. Ann a leithid sin de shuidheachadh, feumaidh tu lethbhreac den aonta a sholarachadh do Choimisean na Croitearachd agus thèid seo a chlàradh ann an Clàr nan Croitean. Far a bheil lethbhreac air a chlàradh, le ùmhlachd do chumhachan a’ chùmhnaint no an aonta, tha an toirmeasg air a bheil iomradh a’ tuiteam daingeann air luchd-ionaid a’ chroiteir.
Fo Earrann 19D, ’s e croitear-seilbhe a-mhàin a dh’fheumas iarrtas a chur a-steach airson a’ chroit a roinn don phàirt a thathar an dùil a ghleidheadh agus don phàirt a thathar an dùil a reic. Nar beachd-ne, chan eil feum aig neach-gabhail a tha a’ ceannach iarrtas a chur a-steach airson a’ chroit a roinn mus ceannaich e/i pàirt den chroit. A’ leantainn air ceannach, bidh e/i na s(h)ealbhadair air a’ phàirt den chroit a chaidh a cheannach agus na neach-gabhail air a’ chòrr.
Chan fhaod, coimheadaidh sinn ri freagarrachd an neach-gabhail a tha a’ tighinn a-steach, agus chan ann ris a’ phrìs a thathar a’ sireadh.
Ma fhuair an neach-ceannach ùr an tiotal bho chroitear no a neach-ainmichte, a fhuair a’ chroit bho thoiseach no bho an iar-theachdaiche san tiotal, dh’fhaodadh e a bhith air a bharantachadh mar chroitear-seilbhe ma bha a’ chroit iomlan sa cheannach. Ach, ma bha e a’ ceannach bho uachdaran (le no às aonais neach-gabhail) bhiodh e mar iar-theachdaiche an uachdarain san tiotal agus cha bhiodh sònrachadh neach-seilbhe aige.

Tha an ceann-latha èifeachdach ceannach/gluasad air croit air a mheas mar an ceann-latha inntrigidh/suidheachaidh air a bheil iomradh sna Reachdan Chòraichean.

Gliogaibh an seo airson fiosrachadh fhaicinn mu Phròiseactan Cumhachd Ath-nuadhachail air Fearann Croite agus air Fearann Ionaltraidh.

Bho 1 Damhair 2011, feumaidh Tiomnaidh croiteir nach maireann na ceumannan a leanas a ghabhail an taobh a-staigh 24 ìosan bho àm bàis a’ chroiteir nach maireann :- (1) Daingneachadh fhaotainn bho Chùirt an t-Siorraim a tha a’ dèiligeadh ri Oighreachd a’ chroiteir nach maireann; (2) gabhaltas na croite a ghluasad (a’ gabhail a-steach còirean ionaltraidh no roinnean) tro bharantas a tha air aontachadh air an Daingneachadh ann am fàbhar neach no roghainn; agus (3) fios a thoirt mun ghluasad sin, a’ gabhail a-steach mion-fhiosrachadh mun neach-gluasaid, do dh’uachdaran na croite a ghabhas ris an neach sin mar an neach-gabhail. Mura dèanar seo an taobh a-staigh ùine de 24 ìosan, dh’fhaodadh an gluasad a bhith fosgailte do dhùbhlanachadh. Chan e ceist a th’ ann a thaobh an Coimisean co-dhùnadh sam bith a dhèanamh mun chùis, ach dìreach ag atharrachadh nan clàran againn a’ leantainn air fios bhon Tiomnaidh.

Ma tha thu airson gabhail ris a’ chroit mar dhìleab, feumaidh tu fhèin (no Neach-tiomnaidh a’ chroiteir a bhàsaich, le cead bhuatsa) fios a thoirt mun dìleab do dh’uachdaran na croite agus lethbhreac den fhios sin a chur gun Choimisean. Feumaidh tu seo a dhèanamh an taobh a-staigh 12 MÃŒOSAN bho cheann-latha bàs a’ chroiteir no bidh an dìleab falamh gun èifeachd, agus dèiligear leis a’ chroit mar oighreachd gun tiomnadh (’s e sin, mar nach robh tiomnadh idir ann).

Feumaidh uachdaran gabhail ris an dìleab ma bheir thusa (no Gnìomhaiche a’ chroiteir nach maireann, le ùghdarras bhuatsa) fios mun dìleab don uachdaran no don chroit agus lethbhreac den fhios sin a chur chun a’ Choimisein an taobh a-staigh 12 MÃŒOSAN de cheann-latha bàis a’ chroiteir.
Tha Achd 2010 a’ solarachadh airson a’ chiad turas, gum faod croitear gabhaltas croite a thiomnadh do aon neach fa leth no barrachd. Ma cho-dhùineas croitear a’ chroit a thiomnadh do bharrachd na aon neach, bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil am fearann uile co-cheangailte ris an dìleab air a ghabhail a-steach san tiomnadh agus nach eil pàirt sam bith air fhàgail gun ghabhail, oir dh’fhaodadh seo toradh anns an dìleab a thighinn gu bhith falamh gun èifeachd, mar nach robh an tiomnadh idir air a sgrìobhadh (‘gun tiomnadh’). Dh’fhaodadh ‘gun tiomnadh’ tachairt cuideachd ma dhiùltas dìleabach gabhail ris an dìleab. Ma tha a’ chroit air a fàgail aig barrachd na aon neach, feumaidh an Neach-tiomnaidh iarrtas a chur gun Choimisean gus gabhaltas na croite a roinn. Ma gheibhear cead, tha croitean ùra gan cruthachadh. Ma tha cead air a dhiùltadh, tha an dìleab a’ fàilligeadh agus dèiligear leis an oighreachd mar oighreachd gun
Tha Achd 2010 a’ solarachadh gum faod croitear airson a’ chiad uair, gabhaltas a chroite fhàgail mar dhìleab aig barrachd na aon neach. Ma cho-dhùineas croitear a chroit fhàgail mar dhìleab aig còrr air aon neach, bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil am fearann croite uile a tha fo ùmhlachd na dìleib, air a chunntadh a-steach don tiomnadh agus nach eil pàirt sam bith air fhàgail às. Ma tha pàirt sam bith air fhàgail às, dh’fhaodadh mar thoradh air an sin, gum biodh an dìleab falamh gun èifeachd mar nach robh an tiomnadh a-riamh air a sgrìobhadh (gun tiomnadh). Dh’fhaodadh ‘gun tiomnadh’ a bhith na thoradh cuideachd, ma dhiùltas neach sam bith air ainmeachadh mar neach-gabhail, an dìleab a ghabhail. Ma tha a’ chroit air a fàgail mar dhìleab aig barrachd na aon neach, feumaidh an Tiomnaidh iarrtas a chur chun a’ Choimisein airson an gabhaltas croite a roinn. Ma gheibhear cead, tha croitean ùra gan cruthachadh. Ma dhiùltar cead, tha an dìleab a’ fàilligeadh agus dèiligear leis an oighreachd mar nach robh tiomnadh idir ann. Ma tha croitean ùra air an cruthachadh, tha iad nan aonadan fa leth agus, on a tha iad a-nis sgaraichte, tha e fosgailte do neach fa leth a fhuair còir air croit ùr, sireadh gus faighinn cuidhteas an com-pàirt. Faodaidh iad seo a dhèanamh le bhith a’ cur iarrtas a-steach chun a’ Choimisein airson an gabhaltas a shònrachadh gu neach ainmichte fa leth, no faodaidh iad fios a thoirt don uachdaran gu bheil iad a’ toirt suas an com-pàirt ann an gabhaltas na croite.
Bho 1 Dàmhair 2011, feumaidh Tiomnaidh croiteir nach maireann na ceumannan a leanas a ghabhail an taobh a-staigh 24 ìosan bho àm bàis a’ chroiteir nach maireann :- (1) Daingneachadh fhaotainn bho Chùirt an t-Siorraim a tha a’ dèiligeadh ri Oighreachd a’ chroiteir nach maireann; (2) gabhaltas na croite a ghluasad (a’ gabhail a-steach còirean ionaltraidh no roinnean) tro bharantas a tha air aontachadh air an Daingneachadh ann am fàbhar neach no roghainn; agus (3) fios a thoirt mun ghluasad sin, a’ gabhail a-steach mion-fhiosrachadh mun neach-gluasaid, do dh’uachdaran na croite a ghabhas ris an neach sin mar an neach-gabhail. Mura dèanar seo an taobh a-staigh ùine de 24 ìosan, dh’fhaodadh an gluasad a bhith fosgailte do dhùbhlanachadh. Chan e ceist a th’ ann a thaobh an Coimisean co-dhùnadh sam bith a dhèanamh mun chùis, ach dìreach ag atharrachadh nan clàran againn a’ leantainn air fios bhon Tiomnaidh.
Às aonais atharrachadh sam bith air Achd 1993 a’ leudachadh air a’ mhìneachadh airson "croitear" gus Tiomnaidh croiteir nach maireann a ghabhail a-steach, ’s e ar beachd nach biodh a leithid sin de dh’iarrtas airson croit a roinn comasach bho Thiomnaidh, mura robh an croitear nach maireann air a’ chroit fhàgail mar dhìleab aig barrachd na aon neach.
Cùl-fiosrachaidh: Tha croitear air bàsachadh agus air tiomnadh fhàgail a’ toirt gabhaltas na croite mar dhìleab do bhall den teaghlach. Ach tha am ball teaghlaich sin air nochdadh nach eil iad airson gabhail ris an dìleab, agus tha Sgrìobhainn Rèiteachaidh Teaghlaich air a chur ri chèile, a’ gluasad na dìleib gu ball eile den teaghlach a ghabhas ris an dìleab de ghabhaltas na croite.

Is e riochd de Sgrìobhainn Atharrachaidh a th’ ann an Sgrìobhainn Rèiteachaidh Teaghlaich. Faodaidh na sgrìobhainnean sin an cur an gnìomh gus cumhachan an tiomnaidh atharrachadh, agus tha seo ga dhèanamh glè thric gus dèiligeadh le cùisean co-cheangailte ri cìs oighreachd. Airson a bhith dligheach, feumaidh sgrìobhainn atharrachaidh no sgrìobhainn rèiteachaidh teaghlaich a bhith air a chur an gnìomh leis gach aon de na buannaichean ann an tiomnadh, agus feumaidh e a bhith air a shoidhnigeadh agus air a chlàradh an taobh a-staigh 2 bhliadhna bho àm bàis an neach-tiomnaidh. Bhiodh na crìochan ama ann an earrann 10 gan cur an sàs, agus mar sin dh’fheumadh sinn brath mun dìleab fhaighinn an taobh a-staigh 12 ìosan bho àm bàis a’ chroiteir.

Dh’fheumadh sinn sealladh iarraidh air an dà chuid, an tiomnadh agus an sgrìobhainn laghail a leanas co-cheangailte ri rèiteachadh teaghlaich.

Chan eil ìneachadh air croitear-seilbhe a’ sìneadh gu gnìomhaiche de a leithid. Gus a bhith taobh a-staigh a’ mhìneachaidh sin, feumaidh an neach a bhith na neach-seilbhe air croit. Chan urrainn do ghnìomhaiche a bhith na neach-seilbhe agus mar sin chan urrainn dha a bhith na chroitear-seilbhe. Tha am ìneachadh air uachdaran ann an s61(1) de Achd 1993, còmhla ris na solaran ann an s23(12), a’ toirt ùghdarras do ghnìomhaiche dearbhte uachdarain tagradh a chur a-steach airson pàirt den chroit a dhi-chroiteadh, a’ chroit a thoirt air ghabhail, agus cead don Choimisean toirt air a’ ghnìomhaiche sin a’ chroit a thoirt air ghabhail. Cha bhi gnìomh sam bith a chuireas an Coimisean an cèill gus gnìomhaiche croitear-seilbhe a riaghladh (mar uachdaran na croite) fo sholaran ùra briseadh dleastanais (ss26A gu 26K), ach bithidh fo s23.
Nar beachd-ne, chan eil uidheam ann a cheadaicheas don Choimisean sìneadh a chur air an ùine bliadhna a tha air a shònrachadh le Earrann 10(2) de Achd 1993. Tha an Achd glè shoilleir air mura h-eil an dìleabach a’ gabhail ris an dìleib an taobh a-staigh na h-ùine sin, thathar a’ dèiligeadh leis an dìleib mar oighreachd a tha gun tiomnadh.
A thaobh chroitearan-seilbhe, chan eil am ìneachadh a tha solaraichte ann an Earrann 19B a’ gabhail a-steach gnìomhaiche croitear-seilbhe. Mar sin, cha bhiodh e teisteanaichte do ghnìomhaiche croitear-seilbhe iarrtas a chur a-steach airson roinneadh.

Fo Earrann 16(b) den Achd Leantainneachd (Alba) 1964, faodaidh uachdaran fios a thoirt don tiomnaiche a' crìochnachadh a' ghabhaltais, mura deach a ghluasad gu soirbheachail leis an tiomnaiche an taobh a-staigh 24 mìosan bho àm bàs a' chroiteir. Chan eil ath-thagradh sam bith an aghaidh an fhios seo.

No. the only legal authority for effecting a transfer of tenancy in an intestate succession is by obtaining Confirmation to the intestate estate of the late tenant. Simply being appointed as an executor is not, in itself sufficient to allow an executor to transfer the croft tenancy. In a recent case a Commission decision to approve a transfer by executor application was reduced by the Court of Session once it was established by the Court that the executor had failed to obtain such confirmation.

Tha. Feumaidh iarrtasan fo-thoirt-air-ghabhail air gabhaltasan croite uile a bhith air an aontachadh le Coimisean na Croitearachd. Mura faighear cead bhuainn, bidh an fho-thoirt-air-ghabhail falamh gun èifeachd. Ach, chan eil feum air cead bhuainn a thaobh taigh no togalach eile air a’ chroit a bhith air fho-thoirt-air-ghabhail do luchd-tadhail saor-làithean.
Tha mi den beachd ann an seagh riatanach nach urrainn ach neach nàdarrach fa leth a bhith air a chlàradh mar chroitear, air a mhìneachadh san Achd mar "neach-gabhail croite” air sgàth solar leithid cumha reachdail 3 agus iomraidhean eile san Achd air "ball croiteir, no croitear a bh’ ann no teaghlach croiteir nach maireann” mar a tha air a mhìneachadh ann an Earrann 61(2). Cuideachd, tha na solaran a thaobh leantainneachd agus faotainn (earrannan 10-19) a’ ciallachadh nach urrainn do chroitear a bhith na "neach laghail". Ach, chan eil mi mothachail do sholar sam bith a chumadh a-mach companaidh no com-pàirteachas bho fho-thoirt-air-ghabhail air croit no pàirt croite bho chroitear, le cead bhon Choimisean mar a tha iomchaidh.

Tha an neach-gabhail a' cumail nan còraichean bhòtaidh anns a' Chomataidh Ionaltraidh mura no gus a bheil iad air an gluasad tro riaghailtean ionaltraidh no cumhachan an fho-ghabhail.  

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.