Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Roinn

Cleachdar an abairt 'roinn' nuair a tha croit air a sgaradh gus dà no barrachd aonad a chruthachadh. Ma bhios croitear-seilbhe airson reic no sealbhadaireachd air pàirt den chroit a ghluasad, feumaidh iad an toiseach cead a' Choimisein fhaotainn gus a' chroit a roinn anns na diofar phàirtean a tha iad airson a ghluasad agus a chumail. 

THOIRIBH AN AIRE: Ann an tagradh sam bith a thaobh ruigheachd no a' toirt buaidh air ruigheachd don chroit, feumaidh solar mu choinneamh ruigheachd iomchaidh charbadan a bhith air a chomharrachadh gu soilleir air planaichean a chuirear a-steach còmhla ris an tagradh. Feuch gun gabh sibh tìde a' beachdachadh air cùisean gu cùramach a thaobh ruigheachd air a' chroit mus cuir sibh an tagradh a-steach thugainn. Dh'fhaodadh seo cuideachadh le dàil a sheachnadh aig àm làimhseachaidh na cùise. Gus cunntas a ghabhail air carbadan is uidheam nuadh-aimsireil, bu chòir do ruigheachd air a' chroit a bhith 4 meatairean de leud aig a' char as lugha. 

Delegated Decision Making Parameters

Division by a Tenant - Section 9 of the Crofters (Scotland) Act 1993

Division by Owner-occupier crofter - Section 19D of the Crofters (Scotland) Act 1993

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  • Mura cruthaich an roinneadh duilgheadasan ruigsinneachd sam bith.
  • Mura h-eil draghan sam bith an làthair a thaobh meud agus càileachd an dà chroit, a tha an roinneadh a’ cruthachadh.
  • (Mar stiùireadh, bhiodh an Coimisean a’ coimhead ri gum biodh croit ùr sam bith: 3 heactairean, le no às aonais còir ionaltraidh cheangailte no 1 heactair le còir ionaltraidh cheangailte.)
  •  Mura h-eil draghan an làthair mu dheidhinn a’ chleachdaidh a tha molta air na croitean ùra a chaidh a chruthachadh leis an roinneadh. 
  •  Mura h-eil iarrtas air nochdadh airson a’ ghabhaltais.
  •  Mura robh gearanan sam bith air èirigh.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

Roinn le Rianaire-tiomnaidh (a thuilleadh air tagradh airson an taigh còmhnaidh reachdail a roinn bhon chòrr den chroit) - Earrannan 9 is 10 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993.

Feumaidh an tagraiche fianais a nochdadh gur iad rianaire-tiomnaidh a’ chroiteir nach maireann:  

  •  Le Tiomnadh fhoillseachadh, no
  •  Tro thabhartas dearbhaidh leis a’ Chùirt.

 

Mura h-eil an tagraiche air dearbhadh gur iad an rianaire-tiomnaidh, thèid an tagradh a thilleadh mar a bhith neo-dhligheach.

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  • Mura h-eil an t-uachdaran air draghan a nochdadh mun raon a tha ri a roinneadh.
  •  Mura cruthaich an roinneadh duilgheadasan ruigsinneachd.
  •  Mura h-eil draghan an làthair a thaobh meud agus càileachd nan croitean a chaidh a chruthachadh leis an roinneadh.
  •  Mura h-eil draghan an làthair mun chleachdadh a tha molta air na croitean ùra, a chaidh a chruthachadh leis an roinneadh.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

Roinn leis an rianaire-tiomnaidh far a bheil e co-cheangailte ri dìleab gabhaltais de phàirt den chroit air a bheil an taigh còmhnaidh do aon neach, agus gabhaltas a’ chòrr den chroit do aon neach eile - Earrannan 10(4A)a 58A(6A) de Achd nan Croitearan (Alba) 1993. 

Chan fhaod an croitear nach maireann a bhith air làrach taigh còmhnaidh is fearann gàrraidh reachdail a dhi-chroiteadh roimhe.

Feumaidh an tagraiche fianais fhoillseachadh gur iad rianaire-tiomnaidh a’ chroiteir nach maireann, le:

  •  Tiomnadh fhoillseachadh, no
  •  Tro thabhartas dearbhaidh leis a’ Chùirt.

Ma tha an croitear nach maireann air an làrach taigh croite agus fearann gàrraidh reachdail a dhi-chroiteadh roimhe, thèid dèiligeadh ris an tagradh leis an rianaire-tiomnaidh fon Tagradh Roinnidh coitcheann do chroit air ghabhaltas.

Mura h-eil an tagraiche air taisbeanadh gur iad an rianaire-tiomnaidh, thèid an tagradh a thilleadh mar a bhith neo-dhligheach. 

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  •  Mura h-eil an raon tagraidh nas motha na 0.20(ha).
  •  Mura h-eil togalaichean sam bith eile air an gabhail a-steach san raon tagraidh.
  •  Mura h-eil ruigsinneachd air a’ chòrr den chroit air a ghabhail a-steach don raon san tagradh.
  •  Mura h-eil an t-uachdaran air draghan sam bith a nochdadh.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh a-steach ur foirm Tagradh Clàraidh bho Chlàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.