Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Leantainneachd

Tha dà sheòrsa leantainneachd ann:

  1. Leantainneachd le Tiomnadh - an teirm a chleachdar nuair a tha croitear a' dèanamh Tiomnadh agus ag ainmeachadh an neach no na daoine aig a bheil iad airson gabhaltas na croite fhàgail, agus/no earrannan ionaltraidh. Canar 'dìleabach' ris an neach no na daoine a tha ainmichte leis a' chroitear agus canar gun deach gabhaltas na croite a 'thiomnadh' dhaibh. 
  2. Leantainneachd gun Tiomnadh - teirm a tha a' dèanamh iomradh air leantainneachd gu oighreachd an neach nach maireann, às aonais Tiomnaidh no Tiomnadh a tha neo-èifeachdach. Is e raon ioma-fhillte den lagh a tha seo, agus bu chòir dhuibh comhairle neo-eisimeileach a shireadh bho neach-lagha ann an cùisean leantainneachd gun Tiomnadh. 

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh a-steach ur foirm Tagradh Clàraidh bho Chlàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.