Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Taghadh Chomataidhean Ionaltraidh

Tha Comataidhean Ionaltraidh gan cur air bhonn gus ionaltradh coitcheann a stiùireadh. Airson ionaltradh coitcheann riaghlaichte (air a dhìon tron lagh), feumar Comataidh Ionaltraidh.

Tha a' chomataidh air a dhèanamh suas à àireamh de dhaoine a tha le roinn san ionaltradh choitcheann agus a tha air an taghadh gun Chomataidh le luchd-earrannan eile.

Is e Comataidhean Ionaltraidh air am bun-reachdachadh gu ceart an dòigh as èifeachdaiche air fearann ionaltraidh a dhìon san àm ri teachd, agus iad a bhith nan tùs luachmhor de eòlas mu chroitearachd san sgìre. Faodaidh Comataidhean Ionaltraidh cuideachd cur ri meudachadh air misneachd a thaobh obair choitcheann agus stiùireadh air so-mhaoin coimhearsnachd.

Thoiribh an aire: far a bheil comataidh ùr ri fhastadh aig deireadh ùine 3-bliadhna, bidh feum aig earrann 47(1) de Achd 1993 air fios poblach mun choinneamh, agus earrann 55A a' mìneachadh fios poblach mar shanas sa phàipear-naidheachd. Cha ghabh an Coimisean tuilleadh ri Foirmean Fios far nach eil a' choinneamh air a sanasachadh sa phàipear-naidheachd a tha ga chuairteachadh ann an sgìre an ionaltraidh choitcheann. Is e atharrachadh a tha seo do phoileasaidh a' Choimisein a chaidh a bhuileachadh roimhe, coimheadaibh cuideachd ris na riaghailtean agaibh airson tuilleadh stiùiridh a thaobh nan riatanasan airson taghadh chomataidhean. 

Dh'fhaodadh gum bi sibh airidh air cuideachadh suas gu £500 a dh'ionnsaigh stèidheachadh air comataidh ionaltraidh air a bhun-reachdachadh gu ceart. Faighibh a-mach tuilleadh. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.