Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Leigeil air Mhàl

Cleachdar an abairt 'leigeil air mhàl' nuair a tha croit no pàirt de ghabhaltas croite air a leigeil air màl leis an uachdaran no leis a' chroitear-seilbhe gu neach-gabhail.

Bidh gach gabhaltas croite umhail do na cumhachan a tha air am mìneachadh ann an Earrann 2 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993 (air an iomradh san Achd mar "na cumhachan reachdail").

Delegated Decision Making Parameters

Letting of a vacant croft by a landlord- Section 23(3) of the Crofters (Scotland) Act 1993 

Letting of an owner-occupied croft by an owner-occupier crofter other than on a short term lease  - Section 29A of the Crofters (Scotland) Act 1993 

 

Croit Slàn

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  •  Ma tha a’ chroit iomlan air a gabhail a-steach san às-mhàladh.
  •  Ma bhios an neach-gabhail gu h-àbhaisteach a’ còmhnaidh taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit, no gum bi taobh a-staigh 18 mìosan de an gabhaltas fhaotainn.
  •  Ma tha fianais an làthair gu bheil an t-uachdaran air aontachadh ri cleachdadh gnothaicheil sam bith air a’ chroit leis an neach-gabhail san amharc.
  •  Ma tha na sgilean aig an neach-gabhail san amharc na molaidhean aca don chroit a choileanadh.
  •  Mura h-eil barrachd air dà chroit aig an neach-gabhail san amharc agus nach eil iarrtas air nochdadh airson a’ ghabhaltais.    
  •  Ma tha fianais air a thaisbeanadh gun tèid a’ chroit àiteach.
  •  Mura h-eil gearanan sam bith an làthair.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

Pàirt Croite

Às-mhàladh air Pàirt Croit le Uachdaran - Earrann 23(3) de Achd nan Croitearan (Alba) 1993.

Às-mhàladh air Pàirt Croit le croitear-seilbhe seach air gabhail geàrr-amail - Earrann 29A de Achd nan Croitearan (Alba) 1993.

 

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  •  Ma bhios an neach-gabhail gu h-àbhaisteach a’ còmhnaidh taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit, no gum bi taobh a-staigh 18 mìosan de an gabhaltas fhaotainn.
  •  Ma tha fianais an làthair gu bheil an t-uachdaran air aontachadh ri cleachdadh gnothaicheil sam bith air a’ chroit leis an neach-gabhail san amharc.
  •  Ma tha na sgilean aig an neach-gabhail san amharc na molaidhean aca don chroit a choileanadh.
  •  Mura h-eil barrachd air dà chroit aig an neach-gabhail san amharc agus nach eil iarrtas air nochdadh airson a’ ghabhaltais.    
  •  Mura h-eil gearanan sam bith an làthair a thaobh meud agus càileachd gach aon den dà chroit mar thoradh air às-mhàladh air pàirt den chroit.
  • (Mar stiùireadh, agus gus a bhith seasmhach, bhiodh an Coimisean gu h-àbhaisteach a’ coimhead gum biodh an dà chroit an lùib a’ ghabhaltais 3 heactairean ann am meud aig a’ char as lugha, (le no às aonais còir ionaltraidh cheangailte no 1 heactair le còir ionaltraidh cheangailte).
  •  Mura h-adhbhraich às-mhàladh air pàirt den chroit duilgheadasan ruigsinneachd sam bith.
  •  Ma tha fianais air a thaisbeanadh gun tèid a’ chroit àiteach.
  •  Mura h-eil gearanan sam bith an làthair.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh a-steach ur foirm Tagradh Clàraidh bho Chlàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.